Neo-ionannachd shòisealtaDè th' ann an Stàit nan Sochairean?

Tha neo-ionannachd teachd-a-steach no eaconamach a' ciallachadh gu bheil cuid de dhaoine ann an Alba, mar anns a h-uile dùthaich, a' cosnadh barrachd na daoine eile. Tha tuarastal ìosal glè thric a' ciallachadh gu bheil daoine beò ann am bochdainn choimeasach.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Dè th' ann an Stàit nan Sochairean?

Dealbh le eisimpleirean de na seirbheisean shochairean sòisealta a tha ri fhaotainn san RA

Bho chaidh Stàit nan Sochairean a stèidheachadh anns an RA às dèidh an Dara Cogaidh, tha riaghaltasan na RA air a bhith a' cleachdadh seo airson taic a thoirt do dhaoine a tha ro òg, ro thinn no ro shean airson coimhead às an dèidh fhèin. Tha i cuideachd a' cuideachadh dhaoine a tha gun obair. Bho 2016, tha cuid de shochairean ann an Alba an urra ri Riaghaltas na h-Alba.

Tha pàirt de thaic Stàit nan Sochairean airson a h-uile duine, mar Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS). Tha taic eile ag amas air buidhnean sònraichte, mar eisimpleir Peinnsean na Stàite a tha a' toirt teachd-a-steach do sheann daoine.

Carson a tha e air a bhith doirbh do riaghaltasan o chionn ghoirid pàigheadh airson stàit nan sochairean san latha an-diugh?

Tha e air a bhith doirbh do riaghaltasan o chionn ghoirid pàigheadh airson stàit nan sochairean san latha an-diugh. Tha trì phrìomh adhbharan airson seo:

  • Tha an dùil-aoise airson fireannaich agus boireannaich air a dhol suas agus tha buaidh aig a sin air cosgais pheinnseanan, cùram slàinte agus cùram sòisealta do sheann daoine. Ann an 2023, bha mu 22% de shluagh na h-Alba (dìreach beagan is millean) nas sine na 65 bliadhna ann an 2022. (Stòr: Clàran Nàiseanta na h-Alba)
  • Tha àireamh-sluaigh air a bhith a' dol suas. Tha 67.8m (2023) anns an RA a-nis, agus tha sin suas bho 64.3m (2013), suas 3.4m neach ann an 10 bliadhna.
  • Tha meudachadh ann an atmhorachd agus ann an cosgaisean bìdh agus lùth, bho 2021, air an èiginn bith-beò anns an RA adhbharachadh, agus tha seo a' fàgail na rìoghachd agus nan daoine nas bochda.

Ciamar a bhios an riaghaltas a' toirt taic do pheinnseanairean?

Anns an RA, tha a' chòir aig daoine nas sine na 66 air Peinnsean na Stàite. Tha Peinnsean na Stàite ag amas air airgead gu leòr a thoirt do sheann daoine airson nam feumalachdan bunaiteach aca. Bhon Ghiblean 2024, b' e £221.20 san t-seachdain reat slàn Peinnsean na Stàite.

A bharrachd air Peinnsean na Stàite, 's dòcha gum faigh seann daoine, a rèir 's dè an suidheachadh a th' aca, cothrom air taic eile mar cuideachadh le pàigheadh connaidh anns a' gheamhradh (Pàigheadh Connaidh a' Gheamhraidh), Pàigheadh Sìde Fhuar, siubhal an-asgaidh, cead Tbh an-asgaidh agus cuideachadh le pàigheadh Cìs na Comhairle.

Dè an taic a tha ri fhaotainn do dh'inbhich aig aois cosnaidh bho Stàit nan Sochairean?

Tha riaghaltasan dhen bheachd gur e obair an dòigh as fheàrr do dh'inbhich aig aois obrach (mar as trice 16-66 bliadhna a dh'aois) faighinn a-mach à bochdainn. Mar sin, tha an riaghaltas a' tabhann grunn sheirbheisean taobh a-staigh Jobcentre Plus airson inbhich aig aois obrach a chuideachadh gus obair fhaighinn.

Mar eisimpleir 's dòcha gur e an cuideachadh:

  • ag ullachadh CV
  • a' dol gu cùrsaichean trèanaidh
  • a' cur airson obair far a bheil obair a' dol

Do dhaoine a tha air chomas obrachadh ach a tha gun obair, 's àbhaist gu bheil sochairean co-cheangailte ri bhith a' lorg obair.

Tha mòran dhaoine aig aois obrach nach eil air chomas obrachadh. Mar sin, tha iomadh seòrsa taic aig Roinn na h-Obrach is nam Peinnseanan (DWP) airson daoine a chuideachadh. 'S e an Creideas Coitcheann a' phrìomh shochair do dhaoine aig aois obrach a tha gun obair agus a' coimhead airson obair. Do dhaoine eile aig aois obrach, a rèir 's dè an suidheachadh a th' aca, 's dòcha gum bi iad airidh air Cuibhreann Taic Cosnaidh (ESA) no Pàigheadh Neo-eisimeileachd Phearsanta (PIP).

Do dh'inbhich aig aois obrach a tha air tuarastal ìosal, bidh Stàit nan Sochairean cuideachd a' cur beagan a bharrachd ri teachd-a-steach airson gum bi daoine ann an obair nas fheàrr dheth.

Ciamar a bhios an riaghaltas a' coimhead às dèidh theaghlaichean agus clann?

Clàr-srutha leis an tiotal 'Are you affected by changes to Child Benefit?'

Bidh an dà chuid Riaghaltas na RA agus Riaghaltas na h-Alba a' toirt shochairean a chuidicheas teaghlaichean le clann a tha beò ann am bochdainn.

Dè th' ann an sochair na cloinne?

'S e sochair saor bho chìsean a th' ann an Sochair na Cloinne agus tha e ag amas air pàrantan a chuideachadh ann an dèiligeadh ri cosgaisean clann a thogail.

Tha a' mhòr-chuid de chlann (suas gu 18 agus ann am foghlam làn-ùine) anns an RA airidh air Sochair na Cloinne anns an robh luach £25.60 san t-seachdain dhan phàiste bu shine ann an 2024. Bha an dara pàiste, agus an còrr, a' faighinn £16.95 ann an 2024.

Dè th' ann am Frèam nan Tràth Bhliadhnaichean?

Airson stad a chur air bochdainn agus cion-obrach a bhith a' toirt buaidh air an ath ghinealach, tha Riaghaltas na h-Alba air co-dhùnadh prìomhachas a thoirt do leasachadh nan tràth bhliadhnaichean ann am beatha pàiste.

Tha Frèam nan Tràth Bhliadhnaichean a' feuchainn ri clann a chomharrachadh a tha lag air sgàth togail thruagh agus feuchainn ri am beatha a leasachadh cho tràth 's a ghabhas.

Dè th' ann am Pàigheadh Pàiste na h-Alba?

Bhon Ghearran 2021, tha Pàigheadh Pàiste na h-Alba air a phàigheadh do theaghlaichean ann an Alba le tuarastal ìosal. Tha am pàigheadh mar phàirt de ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba airson dèiligeadh ri bochdainn chloinne. Tha £25 air a phàigheadh gach seachdain airson gach pàiste a tha air do chùram agus a tha fo 16 bliadhna a dh'aois. Ann an 2023, bha mu 300,000 pàiste ann an Alba a' faighinn taic le Pàigheadh Pàiste na h-Alba. (Stòr: Security Scotland)

Bho 2022, tha daoine òga ann an Alba a tha fo 22 bliadhna a dh'aois airidh air siubhal an-asgaidh air bus agus air bathar airson dòrtadh (fuil) mìosail ann an 2021.

Dè th' ann am bogsa an naoidhein?

Tha a h-uile naoidhean a thèid a bhreith ann an Alba airidh air bogsa naoidhein a tha làn stuthan riatanach. Faodaidh am bogsa cuideachd atharrachadh gu bhith na àite sàbhailte dhan leanabh airson cadal. Anns a' bhogsa tha rudan mar: aodach, teas-mheidh dhan naoidhean agus dhan amar, leabhraichean, searbhadair agus brat bhradain.

Dè an taic a tha sgoiltean a' toirt seachad?

Tha iomadh taic cuideachd ann an sgoiltean airson neo-ionannachd shòisealta a bheagachadh. Tha an taic seo a' gabhail a-steach biadh an-asgaidh ann an sgoiltean agus grantaichean airson aodach sgoile. 'S dòcha gum faigh òigridh a dh'fhuiricheas anns an sgoil an dèidh 16 bliadhna taic-airgid tron Taic Gleidhidh Foghlam (Educational Maintenance Allowance no EMA).

Bidh iomadh sgoil cuideachd a' faighinn maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba airson buaidh bochdainn air an latha sgoile a bheagachadh le bhith a' toirt taic-airgid an-asgaidh airson cuairtean sgoile no airson còcaireachd ann an Eaconamas Dachaigh. Canar Maoin Cothromas Sgoilearan (Pupil Equity Funding no PEF) ris a seo.

Cò tha a' pàigheadh airson Stàit nan Sochairean?

Thathar a' pàigheadh airson Stàit nan Sochairean bho chìsean. Nuair a bhios a' mhòr-chuid de dhaoine a tha ag obair no a' ceannach stuthan no seirbheisean, tha cuibhreann dhen airgead a' dol chun an riaghaltais airson pàigheadh airson cùram-slàinte, foghlam agus iomadh seirbheis eile. Bidh a' mhòr-chuid de dhaoine a tha ag obair cuideachd a' pàigheadh Àrachas Nàiseanta (National Insurance no NI) a bhios a' dol chun an riaghaltais airson cosgaisean Stàit nan Sochairean a phàigheadh.

Obair bhuidhnean saor-thoileach

Tha e cudromach a bhith mothachail air obair bhuidhnean saor-thoileach (buidhnean carthannais) ann a bhith a' toirt taic do dhaoine air feadh Alba is na RA. Mar eisimpleir, tha buidhnean mar Age UK (seann daoine), Shelter (daoine gun dachaigh) agus Barnardo's (clann) a' cuideachadh nan ceudan mhìltean de dhaoine air feadh na RA gach bliadhna. Tha buidhnean carthannais eile ann a bhios a' toirt taic do dhaoine le ciorraman no daoine a tha a' cur feum air cuideachadh airson obair a lorg.