Ciamar a bhios neo-ionannachd gnè a' toirt buaidh air teachd-a-steach?
Dè th' anns a' bheàrn neo-ionannachd pàighidh?
Tha staitistigean a' sealltainn gum bi boireannaich uaireannan a' cosnadh nas lugha na fireannaich airson an aon obair sgileil a dhèanamh. A rèir riaghaltas na RA, ann an 2022 bha a' bheàrn neo-ionannachd pàighidh (an diofar eadar pàigheadh meadhain cuibheasach fhireannaich is bhoireannaich) aig 9.1%. No ga chur ann an dòigh eile, bha am pàigheadh meadhain cuibheasach aig boireannaich £2.41 an coimeas ri £2.68 do dh'fhireannaich.
Obair – an seòrsa obrach agus uairean
Tha còrr is 38% de bhoireannaich ag obair pàirt-ùine, an taca ri dìreach 14% de dh'fhir. Tha seo, san fharsaingeachd, a' ciallachadh nach eil boireannaich a' cosnadh uiread. Ach tha boireannaich a tha ag obair pàirt-ùine buailteach a bhith ag obair ann an dreuchdan le nas lugha de sgilean agus nas lugha de phàigheadh. 'S e na dreuchdan sin cùram, obair clèireachd, cistearachd (a' gabhail airgead ann an àitichean), còcaireachd agus glanadh. Chan eil ach 12% de bhoireannaich a tha ag obair anns an roinn phrìobhaidich ann an obraichean le sàr sgilean.
Dè th' anns a' mhullach ghlainne?
Tha am 'mullach glainne' a' ciallachadh suidheachadh far am faic boireannaich an t-slighe gu obraichean aig mullach buidhinn, ach tha cnapan-starra nach fhaic thu gam bacadh bho bhith a' faighinn nan obraichean sin. Ann an 2023, sheall an Alliance – Aithisg Gnè is Cumhachd nach eil ach 7% de ghnothachasan ann an Alba le boireannaich os an cionn ged a tha boireannaich nan 40% de luchd-obrach na RA. 'S e leth-bhreith gnè aon adhbhar a tha am 'mullach glainne' ann fhathast. Ach tha adhbharan eile ann cuideachd airson nach eil uiread de bhoireannaich anns na h-obraichean as àirde, agus nam measg sin, tha togail chloinne ma tha clan agad, barrachd uallaichean cùraim anns an fharsaingeachd, agus roghainn obrach neo-shùbailte, mar eisimpleir, dìth cothrom obrachadh anmoch, obrachadh tràth no aig an deireadh-sheachdain.
Boireannaich ann am poilitigs
Cia mheud boireannach a tha ann am poilitigs?
Glè thric ann am poilitigs, chan eil boireannaich air an riochdachadh uiread ri fir. Ann am Pàrlamaid na RA cha robh ach 31% (225 a-mach à 650 BP) de BP nam boireannaich ann an 2023.
Carson nach eil boireannaich air an riochdachadh cho mòr ann am poilitigs?
Tha e a' cosg tòrr ùine a bhith an sàs ann am poilitigs oir tha obair phoilitigeach a' ciallachadh gum feum na riochdairean taghte iomadh coinneamh a fhrithealadh air an fhionnairidh, agus thathar a' sùileachadh gum bi iad 'rim faotainn fad na h-ùine aig àm sam bith' air a' fòn, post-dealain no air meadhanan sòisealta. 'S ann air boireannaich mar as trice a tha an t-uallach fhathast airson coimhead às dèidh chloinne agus càirdean nas sine, agus tha iad air an cur dheth bho bhith a' dol an sàs ann am poilitigs.
Boireannaich ann am Pàrlamaid na h-Alba
Tha Pàrlamaid na h-Alba air a bhith air thoiseach le uairean-obrach agus saor-làithean a tha nas freagarraiche do theaghlaichean agus tha seo air riochdachadh bhoireannaich a chur am meud. Ann an 2023, bha 58 BPA nam boireannaich ann am Pàrlamaid na h-Alba a-mach à 129. Sin 45% dhe na BPA gu lèir.