An t-strì a' leantainn
An dèidh Blàr na h-Eaglaise Brice
- Thàinig Uilleam Ualas beò às a' bhlàr agus chaidh aige air teiche, ach an dèidh sin leig e dheth a dhreuchd mar Urrasair.
- Thàinig Raibeart Brus agus Iain Cuimein gu bhith nan Urrasairean air Alba.
- Bha Ualas fhathast an sàs sa chùis, a' siubhal dhan Roinn Eòrpa ann an 1299 gus taic a bhrosnachadh dha na h-Albannaich an aghaidh Eideird I.
Bàs Uilleam Ualas

Creag na h-Abaid le carragh-cuimhne Ualas
Thabhainn Eideard I airgead mòr do dhuine sam bith a mharbhadh no a ghlacadh Ualas. Chaidh a bhrath mu dheireadh, agus a ghlacadh, faisg air Glaschu ann an 1305. Chaidh a chur às a leth gun robh e na bhrathadair, rud ris nach do ghabh e seach nach tug e riamh bòid dìlseachd do dh'Eideard I. Chaidh Ualas a chrochadh air 23 Lùnastal 1305. Chaidh buill a bhodhaig a thaisbeanadh ann an Sruighlea, ann am Peairt, sa Chaisteal Nuadh agus ann am Bearaig airson sealltainn gun robh smachd aig Eideard I air Breatainn gu lèir.