Blàr na h-Eaglaise Brice agus fo smachd Shasainn a-rithist
Blàr na h-Eaglaise Brice
Arm Shasainn a' tilleadh a dh'Alba
As t-samhradh 1298, mhèarrs Eideard I a-rithist gu tuath a dh'Alba. Dh'fheuch Ualas ri batal aontaichte a sheachnadh le bhith a' falach na h-armailt aige air na Sasannaich agus a' sgrìos thogalaichean agus bàrr ann an ceann a deas Alba airson gun tigeadh air Armailt Shasainn tilleadh dhachaigh.
Ach, fhuair e fios gun robh Armailt Ualas faisg air an Eaglais Bhric. Choinnich an dà armailt ri chèile san Eaglais Bhric air 22 Iuchar 1298.
Blàr na h-Eaglaise Brice
Bha fada, fada a bharrachd de dhaoine ann an Armailt Eideird I, agus mar sin, shuidhich e na fir leis an dìon bu mhotha a b' urrainn dha.
- Leis na Sasannaich mu choinneamh, chuir Ualas na fir aige ann an ceithir sioltronan.
- Bhiodh boghadairean Alba a' dìon nan sioltronan.
- Bha iad air an dìon air gach taobh le eachraidh Alba.
- Air beulaibh nan Albannach bha an talamh na bhoglaich, agus bhiodh e doirbh dha na Sasannaich faighinn thairis air.
Ach bha Armailt Shasainn ro làidir dha na h-Albannaich.
- Chuir eachraidh Shasainn an ruaig air eachraidh Alba far raon a' bhlàir.
- Chaidh aig eachraidh Shasainn an uair sin air boghadairean Alba a chur fodha.
- Gun dìon bhon eachraidh no bho na boghadairean, bha sioltronan Alba ann an cunnart. Nuair a thug na Sasannaich an ath ionnsaigh, bhris na h-Albannaich às a chèile agus chaidh Armailt Alba a mhurt.