Uilleam UalasUrrasairean ùra na h-Alba

Shabaidich Uilleam Ualas an aghaidh Shasainn is bhuannaich e Blàr Drochaid Shruighle an 1297. An ath bhliadhna thug feachd Eideird buaidh air Alba san Eaglais Bhric. Chuireadh Ualas gu bàs an 1305.

Part ofEachdraidhCogaidhean na Saorsa

Urrasairean ùra na h-Alba

An dèidh buannachadh aig Drochaid Shruighlea, chaidh Ualas agus am Moireach a chur an dreuchd mar 'Urrasairean Alba' le uaislean Alba. Bha sin a' ciallachadh gun robh iad nan comanndairean oifigeil ann am Armailt Alba agus gun robh smachd aca air Alba, gun robh comas aca co-dhùnaidhean oifigeil a dhèanamh agus bruidhinn ri rìghrean eile às leth Alba.

Cha robh Anndra Moireach na urrasair ro fhada oir chaochail e beagan sheachdainean às dèidh sin air sgàth nan lotan a fhuair e aig Drochaid Shruighlea.

Chùm Ualas air a' riaghladh Alba ann an ainm an Rìgh Iain. Lean e air a' sabaid ri Sasainn le ionnsaigh a thoirt air ceann a tuath Shasainn, agus chuir e caistealan agus bailtean fo shèist.