Ar-a-mach Ualas

Uilleam Ualas
Thòisich dà ar-a-mach aig toiseach 1297.
Anndra Moireach, ann an ceann an ear-thuath Alba
- Bha am fear-uasal òg, Albannach seo os cionn iomairt an aghaidh riaghladh Shasainn ann am fearainn an teaghlaich aige ann an ceann an ear-thuath Alba.
- Ghlac e air ais caistealan cudromach aig tuath mar Caisteal Inbhir Nis agus Caisteal Bhanbh, agus ann am meadhan 1297 bha e air na Sasannaich a thilleadh gu deas gu Abhainn Thatha.
- Ghluais e deas a Dhùn Dèagh, far an do choinnich e ri Armailt Uilleam Ualas.
Uilleam Ualas, ann an iar-dheas Alba
- Tha e air aithris gun do mharbh e Siorram Sasannach Lannraig sa Chèitean 1297.
- Chaidh e an uair sin air ceann ar-a-mach ann an Alba agus e a' toirt ionnsaigh air oifigich agus saighdearan Sasannach.
- Bha taic aige bho dhaoine cudromach mar Easbaig Wishart à Glaschu, am fear-uasal Sir Uilleam Dùbhghlas agus Raibeart Brus.
- Dhiùlt Ualas fhèin gèilleadh agus chùm e air a' sabaid an aghaidh ughdarras Shasainn ann an Alba. 'S iongantach mura do sheachain e bhith air a ghlacadh as t-samhradh le bhith a' falach ann an Coille Shailcirc.
- Choinnich Ualas ri Anndra Moireach faisg air Dùn Dèagh.