Riaghaltas Shìona agus còraichean daonnaDè na còraichean an tha aig daoine ann an Sìona?

'S e Sìona an treas dùthaich as motha air an t-saoghal agus 's ann aice a tha an àireamh-sluaigh as motha air an Talamh. 'S e stàit chomannach le aon-phartaidh a th' innte. Tha Sìona ag atharrachadh gu luath agus tha grunn dhùbhlain poilitigeach roimhpe. Dèan sgrùdadh air an t-sluagh, an riaghaltas agus a dreuchd mar chumhachd mhòr an t-saoghail.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Dè na còraichean an tha aig daoine ann an Sìona?

Ged a tha beagan fianais ann gu bheil riaghaltas Shìona air còraichean a bharrachd a thoirt do dhaoine ann an cuid de raointean, tha buidhnean chòraichean daonna leithid Asia Watch agus Amnesty International a' cumail a-mach gu bheil Sìona tric a' dèanamh dìmeas air còraichean nan daoine.

Siostam ceartas na h-eucoir ann an Sìona

Eucoltach ris an RA, chan eil còraichean daonna dhaoine a tha fo chasaid eucoir ann an Sìona air an dìon fon lagh.

A' cur an sàs agus am prìosan

Prìosanaich a' giùlain uidheamachd chidsin aig prìosan ann am Beijing, Sìona
Figure caption,
Prìosanaich a' giùlain uidheamachd chidsin aig prìosan ann am Beijing, Sìona.

Ann an Sìona, bidh daoine a tha fo amharas eucoir glè thric air an cur an sàs airson ùine mhòr gun a dhol dhan chùirt. Glè thric chan eil cead aig daoine a tha an sàs neach-lagha a bhith aca no an teaghlach aca fhaicinn, agus 's dòcha gun tèid an sràcadh gus an can iad gu bheil iad ciontach.

Tha buidhnean chòraichean daonna a' tuairmeas gu bheil na deichean mhìltean dhaoine ann an Sìona an-dràsta an sàs gun iad air a bhith sa chùirt. Tha peanasachadh ann an Sìona uabhasach, uabhasach cruaidh. Dh'fhaodadh binn còig bliadhna sa phrìosan a dhol ort airson rud beag a ghoid.

A' chùirt

Faodar cùirt a chumail gu dìomhair ann an Sìona. 'S dòcha gun tèid neach-lagha a dhiùltadh agus chan eil an-còmhnaidh cead aig duine bruidhinn airson e fhèin a dhìon. Nuair a bhios an luchd-casaid air an argamaid aca a dhèanamh, bidh am breitheamh a' dèanamh co-dhùnadh. Chan eil mòran teansa ann tagradh a dhèanamh, ged a tha riaghaltas Shìona a' gealltainn piseach a thoirt air an dòigh a tha cùisean sa chùirt ag obrachadh.

A bheil peanas bàis ann an Sìona?

Ann an Sìona, tha binn bàis an cois 55 eucoirean. Nam measg sin tha foill le airgead agus mèirle.

Sna bliadhnachan mu dheireadh thathar an dùil gun do chuir Sìona barrachd dhaoine gu bàs na chuir a h-uile dùthaich eile air an t-saoghal còmhla. Cha bhi an stàit ag innse cia mheud a bhios iad a' cur gu bàs gach bliadhna. Tha Amnesty International dhen bheachd gur dòcha gu bheil grunn mhìltean gach bliadhna gan cur gu bàs.

O chionn ghoirid, thàinig an àireamh eucoirean le binn bàis nan cois a-nuas bho 68 gu 55. Chan eil, mar eisimpleir, binn bàis an cois beagan goid no foill.

Chan eil mòran dhaoine a-nis air an cur gu bàs airson eucoirean beaga. Cuideachd, chan fhaod binn bàis a-nis a dhol air òigridh airson eucoir gun fhòirneart. Cha mhotha a dh'fhaodas binn bàis a dhol air òigridh nach robh 18 nuair a rinn iad an eucoir. Feumar ath-sgrùdadh a dhèanamh a h-uile turas a bhios duine fo bhinn bàis.

Campaichean ath-fhoghlaim

Tha riaghaltas Shìona a' cumail a-mach gur e ionadan saor-thoileach airson ath-fhoghlam air falbh bho eastramachas a th' anns na 'campaichean ath-fhoghlaim' ann an Xinjiang anns an sgìre fada an iar de Shìona. Nuair a rinn an International Consortium of Investigative Journalists rannsachadh ann an 2019, fhuair iad a-mach gur e dha-rìribh campaichean prìosain mòr-thèarainteachd a bh' annta far an robh iad a' cur cuideam air smachd riaghailteach a ghabhail air eanchainn nam prìosanach agus gun robh a' mhòr-chuid bho choimhearsnachd Mhuslamach Uyghur.

Rinn an rannsachadh a-mach gun robhar a' cumail sùil gheur air na prìosanaich, agus gun robh iad air an smachdachadh agus air am peanasachadh nam briseadh iad riaghailtean agus gun robh bhidio gan clàradh fad na h-ùine. B' e an t-amas gun atharraicheadh iad an creideasan, am modh-giùlain agus an cànan.

Fhuair iad a-mach cuideachd gun robh riaghaltas Shìona a' dèanamh anailis air dàta phearsanta a' cleachdadh prògram sgrùdadh ro-innseach. Sheall aon sgrìobhainn rannsachadh air 40,557 neach a' cleachdadh app co-roinn data fòn Zapya agus bha neach sam bith a shaoileadh iad a bha droch-amharasach ri chur an grèim.

Thuirt tosgaire Sìonach na RA Liu Xiaoming, "Gun a bhith a' toirt for sam bith air an fhìrinn, tha cuid air an taobh an Iar air a bhith a' càineadh Shìona air sgàth Xinjiang agus iad a' feuchainn ri leisgeul fhaighinn airson gnothach a ghabhail ri cùisean air taobh a-staigh Shìona, oidhirpean Shìona an aghaidh ceannairc ann an Xinjiang a mhilleadh agus leasachadh cunbhalach Shìona a chur fodha." (Stòr: BBC News)

BBC News: Data leak reveals how China brainwashes Uyghurs in prison camps

BBC News: Who are the Uyghurs and why is China being accused of genocide?

Ann an 2022, rinn am BBC aithris air làimhseachadh bhoireannaich anns na 'campaichean ath-fhoghlaim'. Thug grunn a chleachd a bhith nam prìosanaich iomradh air èigneachadh, droch-dhìol gnèitheasach agus pianadh.