Cò na dùbhlanaich a tha aig an CCP?
Chan eil e ceadaichte a dhol an aghaidh a' CCP. O chionn còrr is 70 bliadhna tha riaghaltas Shìona air a bhith a' cleachdadh an airm is nam poilis airson stad a chur air duine sam bith a bha ag iarraidh barrachd saorsa phoilitigich no còir bhòtaidh.
Canar easaontaichean (daoine nach eil ag aontachadh) ri daoine a tha an aghaidh siostam poilitigeach Shìona. Faodaidh peanas uabhasach a dhol air easaontaichean mar ùine mhòr sa phrìosan, pianadh no fògradh (chan fhaod iad fuireach ann an Sìona).
Fhuair Sìona 'Global Freedom Score' ìosal de 9/100 (Freedom House, 2023) agus tha sin a' ciallachadh nach eil mòran chòraichean poilitigeach no catharra aig na daoine.
'S ann an Sìona cuideachd a tha an àireamh as motha de phrìosanaich air an t-saoghal, le 2.3 millean neach an dara cuid anns a' phrìosan no a' feitheamh cùirt. (Stòr: Institute of Criminal Policy Research)
Ciamar a bhios an CCP a' cumail smachd air fiosrachadh agus dùbhlan
Tha mòran innleachdan aig a' CCP airson smachd a chumail air fiosrachadh agus air togail-fianais.
An stàit a' cumail smachd air na meadhanan
Tha pàipearan-naidheachd, rèidio agus an telebhisean an ìre mhath fo smachd a' CCP agus a' nochdadh beachdan a' phartaidh. Tha riaghailtean air luchd-naidheachd a thaobh dè dh'fhaodas iad aithris agus faodar an cur an sàs no dhan phrìosan ma chàineas iad an riaghaltas no am Partaidh Comannach.
Bho 2018, tha daoine ann an Hong Kong a tha taiceil do dheamocrasaidh, air a bhith a' dèiligeadh ri poileis a bhith nas cruaidh agus barrachd dhaoine air an cur an grèim.
Ann an 2021, chaidh Jimmy Lai, a thòisich am pàipear-naidheachd 'Apple Daily' a chur an grèim agus a chur dhan phrìosan fad 14 mìosan. Chaidh fhaighinn ciontach de bhith na phàirt de chruinneachadh nach robh ceadaichte gu h-oifigeil agus b' fheudar dhan phàipear-naidheachd aige stad. Bha am pàipear-naidheachd aithnichte airson a bhith a' dèanamh càineadh làidir air Partaidh Comannach Shìona (CCP) agus a' cumail taic ri deamocrasaidh.
'Balla-dìon mòr Shìona'
Tha sùil gheur agus tòrr smachd ga chumail air an eadar-lìon. Chan fhaigh duine gu làraich-lìn a dh'fhaodadh a bhith a' càineadh a' CCP. Tha bacadh no casg cuideachd air làraich-lìn, blogaichean agus meadhanan sòisealta à tìrean cèin.
Mar eisimpleir, chaidh TikTok a chruthachadh agus tha e ga ruith le companaidh Sìonach, ByteDance, ach chan eil e ri fhaotainn ann an Sìona. An àite sin, tha cothrom aig Sìonaich air Douyin, làrach-lìn a tha coltach ris, ach chan fhaic iad susbaint a chaidh a chruthachadh le luchd-cleachdaidh taobh a-muigh Sìona.
Faodar daoine a bhios an sàs ann an cùisean mì-laghail air-loidhne a chur an sàs agus a chur dhan phrìosan airson ùine mhòr.
Smachd air luchd-naidheachd cèin
Feumaidh luchd-naidheachd agus luchd-aithris cèin mòran riaghailtean a leantainn. Tha poilis ann an aodach àbhaisteach, agus oifigearan eile bhon riaghaltas, air a bhith a' sàrachadh agus a' bagairt air mòran dhiubh.
Mar eisimpleir, ann a bhith a' dèanamh aithris air suidheachadh Zero Covid Shìona ann an 2022, dh'fhuiling luchd-naidheachd cèin riaghailtean slàinte a bharrachd gus bacadh a chur air aithris naidheachdan, dìth cead tadhal air sgìrean air an robh buaidh mhòr ann an Sìona. Uaireannan, bha e doirbh dhaibh visa fhaighinn agus bha maill air obair-phàipeir, bha sùil ga cumail air meadhanan sòisealta agus bha an riaghaltas a' cumail sùil orra. (Stòr: Federation of International Journalists)
Riaghailtean ballrachd a' CCP
Ann an 2015, thug an CCP a-steach riaghailtean ùra dha na 88 millean ball airson a bhith cinnteach gum biodh barrachd smachd aig ceannardan a' phartaidh air na buill chumanta. An lùib nan riaghailtean sin tha barrachd smachd air còmhradh agus coinneamhan poilitigeach.