Riaghaltas Shìona agus còraichean daonnaDuilgheadasan poilitigeach eile dhan CCP

'S e Sìona an treas dùthaich as motha air an t-saoghal agus 's ann aice a tha an àireamh-sluaigh as motha air an Talamh. 'S e stàit chomannach le aon-phartaidh a th' innte. Tha Sìona ag atharrachadh gu luath agus tha grunn dhùbhlain poilitigeach roimhpe. Dèan sgrùdadh air an t-sluagh, an riaghaltas agus a dreuchd mar chumhachd mhòr an t-saoghail.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Duilgheadasan poilitigeach eile dhan CCP

A bharrachd air easaontaichean, tha an CCP a' faicinn dùbhlan eile dhan ùghdarras aca.

Hong Kong

Chan eil Hong Kong (HK) idir air a riaghladh san aon dòigh ris a' chòrr de Shìona. Suas gu 1997, bha an Rìoghachd Aonaichte a' riaghladh HK mus deach e air ais gu Sìona. Fo riaghladh na RA, bha muinntir HK eòlach air deamocrasaidh, agus air taghaidhean airson nan ceannardan aca.

Nuair a chaidh Hong Kong a thilleadh gu Sìona, chuir an CCP romhpa gum biodh poileasaidh "aon dùthaich, dà shiostam" aca. Bha am poileasaidh seo a' ciallachadh gun robh barrachd deamocrasaidh ann a' HK na bha an àite sam bith eile ann an Sìona. Ach ma tha barrachd deamocrasaidh ann do mhuinntir HK, tha e doirbh an aon shaorsa phoilitigeach a dhiùltadh dhan chòrr de Shìona.

Tha barrachd saorsa aig na pàipearan-naidheachd ann a' Hong Kong. Tha partaidhean dùbhlanach ann agus tha togail-fianais phoilitigeach laghail. Tha dara leth an riaghaltais nach eil nan comannaich ged a tha an CCP a' daingneachadh a' cheannaird (an-dràsta John Lee).

Thog daoine dùbhlan ann a' Hong Kong ann an 2019 agus 2020 mu bhile a chuir an CCP air adhart a bhiodh a' ciallachadh gun deigheadh daoine à Hong Kong a chur a Shìona dhan chùirt.

Bha iad a' dèanamh a-mach gun deigheadh seo a chleachdadh airson amas air luchd-iomairt agus air luchd-naidheachd. Chuir na ceudan mhìltean dhaoine na aghaidh agus chaidh mòran dhen phrìomh luchd-togail-fianais a chur an grèim airson a bhith an sàs ann. Chaidh dithis dhen luchd-iomairt a mharbhadh.

Ann an 2020, chuir an NPCSC (am buidheann a bhios a' dèanamh laghannan ann an Sìona) achd ùr an gnìomh airson Hong Kong. Tha seo a' dèanamh eucoir de bhriseadh air falbh, lagachadh ùghdarrais, ceannairc no co-rùn ri feachdan cèin. Tha cumhachd aig an riaghaltas ann am Beijing cantainn ciamar a bu chòir an lagh seo a mhìneachadh. Saoilidh tu bhon seo gum faod iad a chleachdadh airson stad a chur air dùbhlan no a pheanasachadh.

Ann an 2021, dh'atharraich Sìona riaghailtean taghaidh Shìona. Gheàrr iad le faisg air leth an àireamh de shuidheachain a bha air an taghadh gu dìreach dhan phàrlamaid. Thug iad a-steach bheatadh airson gach tagraiche le comataidh a bha airson Beijing airson a bhith cinnteach gum biodh iad dìleas do thìr-mòr.

Dh'adhbharaich lagh tèarainteachd nàiseanta ann an 2020 gun deach Albert Ho, a chur an grèim. Bha esan 71 agus na fhear-lagha, agus na neach-poilitigs ainmeil airson deamocrasaidh ann a' Hong Kong. Chaidh cur às a leth gun robh e a' feuchainn ris an riaghaltas a lagachadh.

Brataichean. Sìona, a tha a-nis a’ riaghladh Hong Kong.

Sluagh Uyghur

Tha sgìre Xinjiang air taobh an iar Shìona làn mhèinnirean agus buinidh a' mhòr-chuid dhe na daoine do bheag-bhuidhnean seach do mhuinntir Han a tha sa mhòr-chuid de shluagh Shìona. 'S e Muslamaich Uyghurach a th' ann an 45% dhen t-sluagh. Chaidh faireachdainn an aghaidh nan Han suas agus miann briseadh air falbh ann an sgìre Xinjiang anns na 1990an.

Ann an 2021, bhathar a' meas gun robh ùghdarrasan Shìona air còrr is millean Uyghur agus beag-chuidean eile a chumail ann an 300 gu 400 ionad ann an Xinjiang. Sin an àireamh as motha bho mhion-chuid neo-chreideamhach a chaidh a chumail ann am prìosan bho àm an Dara Cogaidh.

Xinjiang. SÌONA. MONGÒILIA.
Boireannaich Uyghur ann an Hotan, sgìre Xinjiang, Sìona
Figure caption,
Boireannaich Uyghur ann an Hotan, sgìre Xinjiang, Sìona.

Tha ùghdarrasan Shìona a' cur na coire air beagan dhe na h-Uyghuraich airson a' bhuairidh. Tha iad a' cumail a-mach gur e ceannaircich a tha san fheadhainn a tha an sàs ann agus gu bheil iad a' cleachdadh ainneart gus am faigh iad neo-eisimeileachd bho Shìona.

Chan eil na h-Uyghuraich toilichte gu bheil barrachd beairteis is barrachd buaidh aig na Sìonaich Han, a tha nas fheàrr dheth san fharsaingeachd, na tha acasan. Bidh iad a' cumail a-mach gu bheil a' chuid as motha dhen togail-fianais aca sìtheil ach gu bheil na h-ùghdarrasan a' cleachdadh ainneart gus smachd a chumail air togail-fianais sam bith.

Bho 2014, tha iomairt ris an can iad "buail gu cruaidh" aig ùghdarrasan Shìona. Tha an iomairt sin ag amas air Uyghuraich sam bith a tha riaghaltas Shìona dhen bheachd a tha a' diùltadh co-obrachadh cuide ris na h-ùghdarrasan.

Ann an 2018, thuirt Comataidh nan DA air Cur às do Lethbhreith Cinneadail gun robh Sìona air suas ri millean Uyghur a chur a champaichean airson an "ath-oideachadh".

Tha na campaichean air an dealbh airson an cànan Sìonais agus luachan agus dualchas Sìonach a bhrosnachadh; ach tha aithisg Comataidh nan DA ag ràdh gu bheil cuid air a bhith a' gearan air ciùrradh bodhaig agus inntinn agus gu bheil cultar Islamach air a chumail fodha fad is farsaing.

A rèir buidheann chòraichean daonna, tha Sìona air còrr is millean neach a chumail ann an "campaichean ath-fhoghlaim." Tha na Sìonaich ag ràdh gun do stèidhich iad na campaichean airson na h-Uyghuraich 'ath-leasachadh' le bhith ag ionnsachadh dhaibh mu chànan, luachan agus traidiseanan Shìona.

Ach tha daoine air an cumail an aghaidh an toil, chan eil cothrom aca air luchd-lagha agus tha iad air am peanasachadh mura dean iad mar a thèid iarraidh orra. Ann an 2022, lorg am BBC faidhlichean a bha a' toirt iomradh air poileasaidh 'losgadh-gu-bàs' airson neach sam bith a dh'fheuchadh ri teiche.

BBC News: Inside a Chinese internment camp

Meadhan-chlas a' fàs

Tha truailleadh èadhair agus toit-cheò nan duilgheadas mòr ann an Sìona
Figure caption,
Tha truailleadh èadhair agus toit-cheò nan duilgheadas mòr ann an Sìona.

Tha am meadhan-chlas a tha air tòiseachadh a' fàs ann an Sìona (tuairmse gum fàs e gu 550 millean ann an 2022) air a bhith taiceil dhan Phartaidh Chomannach san fharsaingeachd o chionn beagan bhliadhnaichean. Fhuair mòran dhe na daoine sin buannachd bho atharrachadh sòisealta/eaconamach. Ach tha cuid dhiubh ge-tà air tòiseachadh a’ càineadh an t-siostam phoilitigich.

Le barrachd is barrachd fianais ann air truailleadh na h-àrainneachd, mòran coirbeachd, agus o chionn ghoirid, beagachadh ann an cor-beatha nan daoine air sgàth amannan teann eaconamach air feadh an t-saoghail, tha barrachd dhen mheadhan-chlas a' cleachdadh an eadar-lìn agus meadhanan sòisealta gus ceistean a thogail mun dòigh sa bheil an dùthaich air a riaghladh.

Tha an càineadh a' dèanamh dragh dhan CCP. Tha iad a' coimhead air a' mheadhan-chlas mar phrìomh luchd-taic. 'S e buill aig ìre ìosal a th' ann am mòran dhiubh sa Phartaidh Chomannach. Mar sin tha an Ceann-suidhe Xi ag iarraidh atharrachaidhean gus leasachadh a thoirt air Sìona, mar an àrainneachd a ghlanadh agus cur às do choirbeachd san riaghaltas.

Coirbeachd anns an CCP

'S e an cunnart as motha a th' ann do cheannardan Shìona ma gheibh daoine a-mach gu bheil oifigich choirbte anns a' CCP. Ann an stàit le dìreach aon phartaidh, chan eil uiread de sgrùdadh ga dhèanamh air an riaghaltas.

Mar a tha Sìona air fàs nas beairtiche, tha cuid air brath a ghabhail air na dreuchdan aca anns a' CCP gus duaisean a thoirt dhaibh fhèin agus dhan teaghlaichean gu mì-laghail.

Nuair a ghabh an Ceann-suidhe Xi thairis ann an 2013, bha e airson ìomhaigh na b' fheàrr a thoirt dhan phartaidh. Dh'iarr e tighinn a nuas gu cruaidh air coirbeachd.

Ann an 2021, chaidh binn 13.5 bliadhna prìosain a chur air Meng Hongwei, a' chiad cheannard Sìonach air Interpol (The International Criminal Police Organisation) mar phàirt den Cheann-suidhe Xi Jinping a bhith a' fàs nas cruaidhe air coirbeachd.