Àrd-thalamh clach-aoilCuspair sgrùdaidh air Na Yorkshire Dales

Tha feartan àrd-thalamh clach-aoil feumail ann an gnìomhachas, tuathanachas, cur-seachadan is turasachd. Le còmhstri mu chleachdadh-fearainn a’ nochdadh, feumar ro-innleachdan gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasÀrd-thalamh clach-aoil

Cuspair sgrùdaidh air Na Yorkshire Dales

Duilgheadas agus fuasgladh co-cheangailte ri cleachdadh-fearainn

Na Yorkshire Dales: duilgheadas agus fuasgladh

Air sgàth na th' ann de dhiofar seòrsachan cleachdadh-fearainn, bidh duilgheadas uaireannan ag èirigh. Tha a' chuid as motha dhe na duilgheadasan sin air sgàth àireamh mhòr, mhòr de luchd-turais a bhith a' tighinn dhan sgìre. Bheir sinn sùil air a dhà dhiubh agus air na diofar ro-innleachdan manaidseachd a chaidh a dhealbh airson na duilgheadasan a lùghdachadh.

Strì 1: Muinntir an Àite v Luchd-turais

DuilgheadasFuasgladh
Tha na cabhsairean clach-aoil a' caitheamh rè ùine, agus bidh a' chlach a' falbh air sgàth 's gu bheil àireamh an luchd-tadhail cho fìor mhòrTha reachdas agus seirbheis luchd-gleidhidh ann airson na cabhsairean clach-aoil a dhìon
Tha trafaig dhùmhlaichte cho dona air rathaidean faisg air prìomh àitichean, mar Malham Cove, 's gu bheil e doirbh do mhuinntir an àite gluasad, gu h-araidh aig àm trang an t-seusainTha daoine air am brosnachadh gu bhith a' cleachdadh sheirbheisean mar am Postbus agus an Dales Bike Bus, a bheir leis 24 baidhsagalan
Tha barrachd charbadan a' ciallachadh barrachd fuaim agus truailleadh èadhair bho phìoban nan càraicheanTha saidhcleadh air a bhrosnachadh sa phàirc le grunn shlighean do bhaidhsagalan
Tha barrachd iarraidh ann airson parcadh chàraichean na th' ann de dh'àitichean agus mar sin bidh daoine a' parcadh air na fàil fheòirBidh cuid de thuathanaich a' leigeil le càraichean parcadh ann an cuid de dh'achannan nuair a tha e uabhasach trang. Bidh Iùl Luchd-tadhail nan Dales a' toirt comhairle do luchd-turais air mar a bu chòir dhaibh a bhith faiceallach mun àrainneachd
Chaidh slighean-coiseachd a mhilleadh, gu h-àraidh timcheall Malham Cove agus Gordale ScarA' cur uachdar air slighean trang agus a' togail steapaichean suas taobh Malham Cove, gus bacadh a chur air a' chòrr bleith
Tha sgudal a' milleadh sealladh na sgìreChaidh bionaichean a thoirt air falbh airson daoine a bhrosnachadh gu sgudal a thoirt dhachaigh leotha
Tha prìsean thaighean sna bailtean a' dol suas air sgàth 's gu bheil daoine airson tighinn a dh'fhuireach dhan bhaile, agus cuideachd seach gu bheil daoine ann a tha ag iarraidh dara dachaigh; feumaidh òigridh gluasad air falbh air sgàth prìsean nan taighean a bhith a' dol suasBidh an riaghaltas nàiseanta a' cuideachadh dhaoine a tha a' ceannach airson a' chiad uair tro sgeamachan ceannach thaighean nach eil ro dhaor
Sgìrean a' coimhead mì-nàdarra nuair a thèid goireasan luchd-turais, soidhnichean agus slighean-coiseachd a thogailÀitichean a tha mòr-tharraingeach a sgaoileadh thar sgìre nas motha, agus faodaidh an t-ùghdarras ionadail cead dealbhachaidh a dhiùltadh do leasachadh mì-shealltanach sam bith a tha a' dol an aghaidh amasan na pàirc nàiseanta
DuilgheadasTha na cabhsairean clach-aoil a' caitheamh rè ùine, agus bidh a' chlach a' falbh air sgàth 's gu bheil àireamh an luchd-tadhail cho fìor mhòr
FuasgladhTha reachdas agus seirbheis luchd-gleidhidh ann airson na cabhsairean clach-aoil a dhìon
DuilgheadasTha trafaig dhùmhlaichte cho dona air rathaidean faisg air prìomh àitichean, mar Malham Cove, 's gu bheil e doirbh do mhuinntir an àite gluasad, gu h-araidh aig àm trang an t-seusain
FuasgladhTha daoine air am brosnachadh gu bhith a' cleachdadh sheirbheisean mar am Postbus agus an Dales Bike Bus, a bheir leis 24 baidhsagalan
DuilgheadasTha barrachd charbadan a' ciallachadh barrachd fuaim agus truailleadh èadhair bho phìoban nan càraichean
FuasgladhTha saidhcleadh air a bhrosnachadh sa phàirc le grunn shlighean do bhaidhsagalan
DuilgheadasTha barrachd iarraidh ann airson parcadh chàraichean na th' ann de dh'àitichean agus mar sin bidh daoine a' parcadh air na fàil fheòir
FuasgladhBidh cuid de thuathanaich a' leigeil le càraichean parcadh ann an cuid de dh'achannan nuair a tha e uabhasach trang. Bidh Iùl Luchd-tadhail nan Dales a' toirt comhairle do luchd-turais air mar a bu chòir dhaibh a bhith faiceallach mun àrainneachd
DuilgheadasChaidh slighean-coiseachd a mhilleadh, gu h-àraidh timcheall Malham Cove agus Gordale Scar
FuasgladhA' cur uachdar air slighean trang agus a' togail steapaichean suas taobh Malham Cove, gus bacadh a chur air a' chòrr bleith
DuilgheadasTha sgudal a' milleadh sealladh na sgìre
FuasgladhChaidh bionaichean a thoirt air falbh airson daoine a bhrosnachadh gu sgudal a thoirt dhachaigh leotha
DuilgheadasTha prìsean thaighean sna bailtean a' dol suas air sgàth 's gu bheil daoine airson tighinn a dh'fhuireach dhan bhaile, agus cuideachd seach gu bheil daoine ann a tha ag iarraidh dara dachaigh; feumaidh òigridh gluasad air falbh air sgàth prìsean nan taighean a bhith a' dol suas
FuasgladhBidh an riaghaltas nàiseanta a' cuideachadh dhaoine a tha a' ceannach airson a' chiad uair tro sgeamachan ceannach thaighean nach eil ro dhaor
DuilgheadasSgìrean a' coimhead mì-nàdarra nuair a thèid goireasan luchd-turais, soidhnichean agus slighean-coiseachd a thogail
FuasgladhÀitichean a tha mòr-tharraingeach a sgaoileadh thar sgìre nas motha, agus faodaidh an t-ùghdarras ionadail cead dealbhachaidh a dhiùltadh do leasachadh mì-shealltanach sam bith a tha a' dol an aghaidh amasan na pàirc nàiseanta

Strì 2: Luchd-turais v Gnìomhachas

DuilgheadasFuasgladh
Tha cuaraidhean a' coimhead grànda agus tha iad a' milleadh bòidhchead nàdarra na sgìreFaodaidh Ùghdarrasan nam Pàircean Nàiseanta iarraidh air companaidhean cuaraidhean fhalach air cùl chraobhan gus nach bi iad a' coimhead cho grànda, me Cuaraidh Ingleton
Tha na làraidhean mòra a bhios a' giùlan na cloich a thig à cuaraidh ag adhbharachadh tòrr truailleadh èadhairA' brosnachadh cleachdadh an rèile, me ag ùrachadh goireasan an rèile aig Cuaraidh Swinden faisg air Skipton. A' cur còmhdach air luchdan làraidhean a' lùghdachadh duslach
Tha làraidhean a bhios a' giùlan na cloich a thig à cuaraidh ag adhbharachadh trafaig dhùmhlaichte air rathaidean cumhang air an dùthaichFaodar gluasad làraidhean a chumail ri uairean àraidh dhen latha
Tha spreadhadh chreagan ag adhbharachadh truailleadh fuaimFaodar spreadhadh a chumail ri uairean àraidh dhen latha
Faodaidh cuid de dh'àrainnean fiadh-bheatha a bhith air an sgriosTèarmainn nàdair air an suidheachadh air falbh bho chuaraidhean airson fiadh-bheatha a dhìon, me Tèarmann Yellands Meadow
Nuair a thèid cuaraidhean a thrèigsinn, faodaidh gaoidean a bhith air fhàgail air an dealbh-tìreA' dèanamh cinnteach gun tèid seann chuaraidhean a leasachadh, me gan lìonadh agus gan sgeadachadh agus a' dèanamh loch/tèarmann nàdair dhiubh
DuilgheadasTha cuaraidhean a' coimhead grànda agus tha iad a' milleadh bòidhchead nàdarra na sgìre
FuasgladhFaodaidh Ùghdarrasan nam Pàircean Nàiseanta iarraidh air companaidhean cuaraidhean fhalach air cùl chraobhan gus nach bi iad a' coimhead cho grànda, me Cuaraidh Ingleton
DuilgheadasTha na làraidhean mòra a bhios a' giùlan na cloich a thig à cuaraidh ag adhbharachadh tòrr truailleadh èadhair
FuasgladhA' brosnachadh cleachdadh an rèile, me ag ùrachadh goireasan an rèile aig Cuaraidh Swinden faisg air Skipton. A' cur còmhdach air luchdan làraidhean a' lùghdachadh duslach
DuilgheadasTha làraidhean a bhios a' giùlan na cloich a thig à cuaraidh ag adhbharachadh trafaig dhùmhlaichte air rathaidean cumhang air an dùthaich
FuasgladhFaodar gluasad làraidhean a chumail ri uairean àraidh dhen latha
DuilgheadasTha spreadhadh chreagan ag adhbharachadh truailleadh fuaim
FuasgladhFaodar spreadhadh a chumail ri uairean àraidh dhen latha
DuilgheadasFaodaidh cuid de dh'àrainnean fiadh-bheatha a bhith air an sgrios
FuasgladhTèarmainn nàdair air an suidheachadh air falbh bho chuaraidhean airson fiadh-bheatha a dhìon, me Tèarmann Yellands Meadow
DuilgheadasNuair a thèid cuaraidhean a thrèigsinn, faodaidh gaoidean a bhith air fhàgail air an dealbh-tìre
FuasgladhA' dèanamh cinnteach gun tèid seann chuaraidhean a leasachadh, me gan lìonadh agus gan sgeadachadh agus a' dèanamh loch/tèarmann nàdair dhiubh