Cuspair sgrùdaidh air Na Yorkshire Dales
Cleachdadh-fearainn
Pàirc nàiseanta sna Yorkshire Dales
Bidh dè cho cudromach 's a tha gach seòrsa cleachdadh-fearainn ag atharrachadh a rèir nàdar nan creagan agus an dealbh-tìre fiosaigeach. Bidh stòradh agus solar uisge nas cudromaiche ann an sgìre eighichte, mar Sgìre nan Lakes, na bhios e ann an sgìre clach-aoil mar na Yorkshire Dales.
Tha trì seòrsachadh cleachdadh-fearainn uabhasach cudromach sna Yorkshire Dales, agus 's iad sin tuathanachas, gnìomhachas agus cur-seachadan. Bheir sinn sùil orra fear mu seach.
Tuathanachas
Na Yorkshire Dales: tuathanachas
Tha sìde nach eil ro mhath air àrd-thalamh, dìth uisge uachdair (air sgàth 's gu bheil clach-aoil drùidhteach), ùir thana agus creag lom (far a bheil cabhsair clach-aoil) a' ciallachadh nach gabh bàrr fhàs. Tha tuathanachas sna Yorkshire Dales a' gabhail a-steach ionaltradh chaorach air an àrd-thalamh, crodh bainne a bhios ag ithe ann an achaidhean air ùrlair nan gleann, agus ballachan agus saibhlean cloiche. Bha aig mòran thuathanach ri dhol an sàs ann an iomairtean eile airson barrachd teachd-a-steach fhaotainn bhon tuathanachas, me taighean shaor-làithean.
Gnìomhachas
Na Yorkshire Dales: obair cuaraidh
Tha obair cuaraidh na ghnìomhachas cudromach sna Yorkshire Dales, agus tha mu 4.5 tunna creige ga chladhach gach bliadhna. 'S e na prìomh chreagan clach-aoil charboniferous agus clach-ghrinneal. Tha a' chuid as motha dhen chreig air a cleachdadh ann an gnìomhachas togail. 'S e Cuaraidh Swinden tè dhen fheadhainn as motha agus tha mu 70 neach ag obair innte. Tha aonadan beaga le sàr theicneòlas cuideachd ann a' Hawes.
Cur-seachadan agus turasachd
Tha luchd-turais air a bhith a' tighinn dha na Yorkshire Dales bhon 18mh linn, nuair a thòisich sgrìobhadairean agus luchd-ealain a' tadhal air na dealbhan-tìre iongantach. Chaidh an àireamh suas air sgàth an rèile san 19mh linn, ach chaidh an àireamh suas gu mòr mu dheireadh an 20mh linn seach gun robh barrachd dhaoine le càraichean. Tha còrr is 90% dhen luchd-turais an-diugh a' tighinn ann an càr.
Na Yorkshire Dales: cur-seachadan agus turasachd
Bidh daoine a' tadhal air na Yorkshire Dales air sgàth dealbh-tìre agus seallaidhean iongantach, mar Malham Cove, Goredale Scar agus na h-easan aig Aysgarth agus Ingleton. Is toigh le daoine a bhith a' tadhal air bailtean beaga, tarraingeach mar Malham agus a bhith a' faighinn a-mach mu eachdraidh na sgìre ann an Taigh-tasgaidh Dùthchail nan Dales. Bidh luchd-turais agus sgoilearan a' tadhal air na h-uaimhean de chlach-aoil, me Uaimhean White Scar Caves airson gum faic iad mòran de chluigein-cloiche mar Teanga na Bana-bhuidsich. Tha coille meadhanach nàdarra le seann chraobhan, slighean agus fiadh-bheatha gu leòr ann am Freeholders' Wood. Bidh mòran dhaoine a' tighinn ann airson a dhol a choiseachd nan cnoc, agus tha mòran cheuman coiseachd san sgìre. Tha cur-seachadan eile cuideachd sna Yorkshire Dales mar pot-holing, uamhaireachd, sreap chreagan, baiceadh beinne agus marcachd.