Àrd-thalamh clach-aoilFeartan fo-thalamh

Tha feartan àrd-thalamh clach-aoil feumail ann an gnìomhachas, tuathanachas, cur-seachadan is turasachd. Le còmhstri mu chleachdadh-fearainn a’ nochdadh, feumar ro-innleachdan gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasÀrd-thalamh clach-aoil

Feartan fo-thalamh

Feartan àrd-thalamh clach-aoil – uamhan, aol-chluigein is aol-charraighean.

Aol-chluigean agus aol-charraighean am broinn uaimh
Image caption,
Aol-chluigean agus aol-charraighean am broinn uaimh
Samhlan airson bhearraidhean
Figure caption,
Uaimh fo-thalamh

Am broinn uaimhe, tha iomadh feart sònraichte a chaidh a chruthachadh thar nam mìltean bhliadhnachan. Thachair iad uile mar thoradh air uisge a' sùghadh tron chreig agus a' leaghadh na cloich-aoil.

  • Faodaidh gum bi uaimhean mòra air an cruthachadh fon talamh far a bheil dealbhan-tìre clach-aoil charboniferous. Bidh iad air an cruthachadh nuair a tha leaghadh ceimigeach gu math gnìomhach.
  • Faodaidh iad cuideachd fàs nas motha leis na pròiseasan bleith aibhne àbhaisteach - obair haidreolaig, caitheamh agus bualadh.
  • Nuair a bhios uisge a' sruthadh fon talamh, bidh e a' leaghadh na cloich-aoil a tha mun cuairt.
  • Tha a' chlach-aoil leaghte (calcium carbonat) air a giùlan air falbh leis an uisge ann an eadar-sgaoileadh.

Uaimhean

Aol-chluigein, aol-charraighean agus colbhan

  • Bidh boinnean uisge a' sileadh mean air mhean bho mhullaich nan uaimhean agus a' deatachadh. Nuair a bhios an t-uisge a' deatachadh, tro phròiseas ris an canar gas-sgaradh, bidh calcium carbonat air a thasgadh mar theann-stuth air mullach na h-uaimhe.
  • Thar ùine, cruinnichidh seo gu bhith na thasgaidhean fada, caola a bhios a' fàs sìos, agus tha iad coltach ri bioran-deighe crochte bho mhullach na h-uaimhe. Canar aol-chluigein riutha sin.
  • Bidh cuid de bhoinnean uisge a' tuiteam gu ùrlar na h-uaimhe far am bi iad a' stealladh agus a' deatachadh.
  • Bidh an stealladh a' sgaoileadh an tasgaidh de chalcium carbonat. Mar a bhios barrachd is barrachd de chalcium carbonat a' cruinneachadh air an ùrlar, bidh feartan beaga, leathann, tiugha a' fàs suas bhon ùrlar. Canar aol-charraighean riutha sin.
  • Uaireannan bidh aol-chluigein agus aol-charraighean a' fàs a dh'ionnsaigh a chèile agus a' cruthachadh colbh creige.