Clach-aoil
Mar a tha clach-aoil air a bleith
'S e creag ghrùideach a th' ann an clach-aoil agus tha i air a dèanamh de bhlocaichean còmhnard ris an canar raointean-leabachaidh agus sgoltaidhean bheartaigil ris an canar beag-sgàinidhean. Seach gur e creag dhrùidhteach a th' ann an clach-aoil, tha sin a' ciallachadh gun tèid uisge tro na beag-sgàinidhean agus tro na sgoltaidhean a th' innte.
Tha clach-aoil air a dèanamh le calcium carbonat a bhios air a leaghadh le uisge, searbhag lag, charbonaig. Canar sìde-chaitheamh cheimigeach ris a' phròiseas seo.
Sìde-chaitheamh cheimigeach air cabhsair clach-aoil
Tha sìde-chaitheamh cheimigeach anns an fhoirmle a leanas:
\(CaCO_3 + H_2CO_3 \to Ca(HCO_3)_2\)
(clach-aoil + searbhag charbonaig → eadar-sgaoileadh calcium haidridean carbonat)
Dealbhan-tìre clach-aoil
Ma bhios creag neo-dhrùidhteach os cionn clach-aoil charboniferous, faodaidh sruthain air an uachdar sruthadh air a' chlach-aoil. Ach bidh an t-uisge seo a' falbh far an uachdair, an dara cuid tro bhith a' sùghadh tro bheag-sgàinidhean sa chlach-aoil no mar shruthain a' dol sìos do thuill-slugaidh. 'S e obair an uisge as coireach ri mòran dhe na feartan sònraichte a chì sinn ann an seallaidhean air àrd-thalamh clach-aoil.
Dealbhan-tìre clach-aoil