PythagorasA' cleachdadh Pythagoras le co-chomharran

Teoram Phythagoras: ann an triantan ceart-cheàrnach, tha faid cheàrnagaichte a' hypotenuse co-ionann ri sùim faidean ceàrnagaichte an dà thaobh eile. Cuidichidh seo le ceistean mu dhiagraman 2sh/3sh.

Part ofMatamataigSgilean geoimeatraidh

A' cleachdadh Pythagoras le co-chomharran

Faodaidh sinn cuideachd Pythagoras a chleachdadh gus an t-astar eadar dà phuing obrachadh a-mach.

Eisimpleir

Ma tha na co-chomharran (3, 4) aig A agus na co-chomharran (10, 12) aig B, obraich a-mach faid AB.

Freagairt

Cuir na co-chomharran air graf.

Graph with co-ordinates A (3, 4) and B (10, 12)

Ceangail A agus B gus an loidhne AB a shealltainn agus an uair sin dèan triantan ceart-cheàrnach.

Graph with points A (3, 4) and B (10, 12) forming a right-angled traingle of 7 x 8

\({a^2} = {b^2} + {c^2}\)

\({a^2} = {8^2} + {7^2}\)

\({a^2} = 64 + 49\)

\({a^2} = 113\)

\(a = \sqrt {113}\)

\(a = 10.6\,aonadan\,(gu\,1\,ionad\,deicheach)\)