Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Cearcall a' ChuainCuspairean agus teamaichean

Tha briathran na bàrdachd seo, a chaidh a sgrìobhadh mar òran le Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach, a' dèanamh ceangal eadar gluasadan a' chuain agus cuairt-bheatha dhaoine.

Part ofGàidhligLitreachas

Cuspairean agus teamaichean ann an Cearcall a' Chuain

Cumhachd a' chuain

Tha an cuan air a chleachdadh mar mheatafor airson cuairt-bheatha mhic-an-duine. Ach, tha e cuideachd follaiseach gu bheilear ga fhaicinn mar nì sònraichte. Tha iomraidhean ann air meud a' chuain, a bhòidhchead agus a chumhachd.

Bith

Chithear gu bheil na Dòmhnallaich a' smaointinn gur e rud iongantach a th' ann am agus beatha. Tha iad a' beachdachadh air na slighean a tha sinn a' leantainn, na rudan a tha a' toirt buaidh air an t-slighe sin agus mar a tha sinn a' gabhail ri na rudan a thig am bàrr.

Cuairt-bheatha

Tha na bàird a' sealltainn gur e rud iongantach agus uaireannan mì-chinnteach a th' ann am beatha agus bith, ach gur ann mar sin a tha ar saoghal agus leis a sin, gum feum sinn gabhail ris agus ar slighe a dhèanamh troimhpe.

Tha iad cuideachd a' beachdachadh air cearcall na beatha agus gun till sinn chun an toisich aig a' cheann thall – 's mathaid dhan àite far an do rugadh sinn no far an deach ar togail.