Comannachd a' tuiteam às a chèile
Thòisich an Cogadh Fuar oir bha siostaman glè eadar-dhealaichte, comannachd agus calpachas, aig an dà thaobh. Bha na poileasaidhean Glasnost agus Perestroika aig Gorbachev ag atharrachadh sin.
Bhrosnaich Glasnost muinntir na Roinn Eòrpa an Ear gu bhith a' bruidhinn a-mach an aghaidh comannachd gus na chuir iad às dha na riaghaltasan comannach aca. Cha do rinn an USSR càil.
Ann an 1989, b' urrainn Gorbachev agus Ceann-suidhe ùr nan SA, George Bush, a ràdh gun robh an Cogadh Fuar seachad.
Comannachd a' tuiteam às a chèile san Roinn Eòrpa an Ear