Oidhirpean air détente
A' feuchainn ri leudachadh bhall-airm niùclasach a chuingealachadh
Nuair a bhios buill-airm niùclasach a' dol am meud, bidh barrachd bhall-airm niùclasach aig dùthaich, no bidh comasan niùclasach a' sgaoileadh gu dùthchannan gun bhall-airm niùclasach.
Bha eagal ann gum faigheadh riaghaltasan 'cronail' grèim air buill-airm niùclasach. Mar bu mhotha a dhùthchannan le comas niùclasach 's ann bu lugha a bha de smachd aig na mòr-chumhachdan air cùisean.
Chaidh corra aonta phoilitigeach a dhèanamh aig àm an détente.
1963 - Cùmhnant Casg Dheuchainnean Niùclasach
Chaidh deuchainnean air buill-airm niùclasach a chasg air an talamh agus san àile.
1967 - Cùmhnant Fànais
Bha sìth ri bhith anns an fhànas agus dh'fhaodadh a h-uile dùthaich rannsachadh a dhèanamh ann.
1968 - Cùmhnant Neo-leudachaidh Niùclasach
B' e na còig dùthchannan niùclasach a bha aithnichte na SA, an USSR, an RA, Sìona agus an Fhraing.
1971 - Cùmhnant Grunnd na Mara
Chaidh casg a chur air buill-airm niùclasach an àite sam bith air grunnd na mara.
1972 - SALT I
Chuingealaich an dà mhòr-chumhachd an àireamh de bhuill-airm niùclasach a dh'fhaodaist a thoirt gu bith.
1975 - Aonta Helsinki
Trì 'basgaidean' aonta:
- Dh'aontaich an dà thaobh crìochan dhùthchannan Eòrpach aithneachadh.
- Dh'aontaich an dà thaobh spèis a thoirt do chòraichean daonna agus do shaorsa nan dùthchannan fhèin.
- Dh'aontaich an dà thaobh cuideachadh a thoirt dha chèile a thaobh na h-eaconamaidh agus teicneòlas.
1979 - SALT II
Bha aonta ann mu dheidhinn a bhith a' cuingealachadh dèanamh bhall-airm fad-astarach.