Na mòr-chumhachdan
Tro na 1960an agus na 1970an, dh'fheuch an dà thaobh ri lùghdachadh a thoirt san t-suidheachadh theann a bha eatarra. Canar Linn an Détente ris an àm sin.
Bha corra adhbhar ann airson atharrachadh tighinn sna dàimhean eadar na mòr-chumhachdan:
- Air sgàth Cùis-èiginn Urchraichean Chuba (1962), thuig an dà thaobh cho cunnartach 's a bha e dhaibh gun a bhith a' co-obrachadh.
- Bha na SA an sàs ann an Cogadh Bhietnam agus cha b' urrainn dhaibh saighdearan a chur gu raointean eile.
- Bha détente na chothrom propaganda dhan dà thaobh. Dh'fhaodadh iad sealltainn gu robh uallach orra mu shàbhailteachd an t-saoghail.
- Chuidich détente na mòr-chumhachdan gu bhith a' caomhnadh airgead oir dh'fhaodadh iad na bha iad a' cosg air rèis nam ball-airm a lùghdachadh.