Riadh sìmplidhAg obrachadh a-mach sùimean mìosail

A' rannsachadh dè a' bhuaidh a th' aig reatan rèidh air sàbhaladh agus air iasadan. Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna a' cleachdadh reat an rèidh.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean ionmhasachd

Ag obrachadh a-mach sùimean mìosail

Eisimpleir

Tha an t-eisimpleir a leanas a' sealltainn mar a dh'obraicheas tu a-mach sùimean mìosail:

Tha baic a' cosg \(\pounds220\). 'S e a' phrìs le aonta creideis \(\pounds300\).

Ma tha an t-àirleas aig \(10\%\) agus an uair sin deich sùimean mìosail co-ionann, obraich a-mach an t-sùim a phàigheadh tu gach mìos.

Obraich a-mach an t-àirleas an toiseach:

\(\text{Àirleas} = 10\%\,de\,\pounds220\)

\(= \pounds22\)

Feumaidh sinn a-nis na sùimean mìosail gu lèir obrachadh a-mach:

Sùimean mìosail gu lèir = prìs aonta creideis - àirleas

\(= 300 - 22\)

\(= \pounds278\)

Thèid againn a-nis air an t-sùim mhìosail obrachadh a-mach:

Sùim mhìosail = sùimean mìosail gu lèir ÷ àireamh mhìosan

\(= \frac{{278}}{{10}}\)

\(= \pounds27.80\)