Riadh sìmplidhAonta creideis

A' rannsachadh dè a' bhuaidh a th' aig reatan rèidh air sàbhaladh agus air iasadan. Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna a' cleachdadh reat an rèidh.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean ionmhasachd

Aonta creideis

A' lorg àirleas

Bidh mòran dhaoine a' ceannach rudan daora le aonta creideis. Nuair a chleachdas tu aonta creideis, 's àbhaist gum bi agad ri àirleas a phàigheadh an toiseach, agus an uair sin an còrr le sùimean mìosail. Mar as trice, bidh rudan a' cosg barrachd le aonta creideis.

Eisimpleir

Triùir a' coimhead telebhisean

Tha Tom ag iarraidh Tbh a cheannach le aonta creideis. Feumaidh e àirleas de chòigeamh dhen phrìs iomlan de \(\pounds200\) a phàigheadh.

Dè an t-àirleas a dh'fheumas e a phàigheadh?

Àirleas \(= \frac{1}{5}\,de\,\pounds200\)

\(= \frac{200}{5}\)

\(= \pounds40\)

Feumaidh Tom àirleas de \(\pounds40\) a phàigheadh.

A-nis obraich a-mach an t-àirleas airson na leanas:

Question

Dè an t-àirleas a bhios ann airson \(15\%\,de\,£300\)?

Question

Dè an t-àirleas a bhios ann an \(\frac{1}{4}\,de\,\pounds300\)?

Question

Dè an t-àirleas a bhios ann an \(20%\,de\,\£500\)?