Riadh sìmplidhRiadh sìmplidh thar iomadh bliadhna

A' rannsachadh dè a' bhuaidh a th' aig reatan rèidh air sàbhaladh agus air iasadan. Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna a' cleachdadh reat an rèidh.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean ionmhasachd

Riadh sìmplidh thar iomadh bliadhna

Ma thèid airgead fhàgail ann am banca no ann an comann thogalach airson còrr is aon bhliadhna, bidh an t-sùim de riadh a' dol suas.

Cuimhnich – 's e riadh sìmplidh a tha seo. Chan e an aon rud a th' ann ri riadh fillte.

Seo eisimpleir air mar a dh'obraicheas tu a-mach riadh thar iomadh bliadhna:

Eisimpleir

Bha \(\pounds350\) aig Darren ann an cunntas aig comann thogalach airson 3 bliadhna. Fhuair e riadh de \(8\%\) gach bliadhna air a' chunntas aige. Dè na tha sa chunntas aige an dèidh trì bliadhna?

Riadh ann an aon bhliadhna \( = 8\%\,de\,\pounds350\)

\(=\frac{8}{100}\times 350\)

\(=\pounds28\)

Riadh ann an trì bliadhna \(= 3 \times 28\)

\(= \pounds84\)

Balans ùr

\(= 350 + 84\)

\(= \pounds434\)

An dèidh trì bliadhna bidh \(\pounds434\) sa chunntas aig Darren.

Feuch a-nis a' cheist seo:

Question

Choisinn Mòrag riadh de \(4.5\%\) gach bliadhna air an airgead a shàbhail i sa chunntas-banca aice.

Bha \(\pounds200\) aice an toiseach.

Dè na tha sa chunntas aice an dèidh còig bliadhna?