Riadh sìmplidhAg obrachadh a-mach prìs aonta creideis

A' rannsachadh dè a' bhuaidh a th' aig reatan rèidh air sàbhaladh agus air iasadan. Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna a' cleachdadh reat an rèidh.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean ionmhasachd

Ag obrachadh a-mach prìs aonta creideis

Glè thric, nuair a bhios aonta creideis agad, bidh thu a' pàigheadh àirleas an toiseach agus an còrr ann an sùimean mìosail. Feumaidh tu an t-àirleas agus na sùimean mìosail a chur-ris airson a' phrìs gu lèir airson an aonta creideis obrachadh a-mach.

Eisimpleir

Tha Tbh ùr a' cosg \(\pounds690\) a' pàigheadh le airgead. Gheibh thu i air aonta creideis le bhith a' pàigheadh àirleas de \(15\%\) agus 12 sùim gach mìos de \(\pounds55.85\).

Obraich a-mach a' phrìs gu lèir leis an aonta creideis, agus an t-sùim a bharrachd a phàigheadh tu (a bharrachd air a' phrìs le airgead) a' cleachdadh aonta creideis.

An toiseach obraich a-mach an t-àirleas:

\(\text{Àirleas} = 15\%\,de\,\pounds690\)

\(= \frac{15}{100}\) de \(\pounds690\)

\(= 15 \times 6.90\)

\(= \pounds103.50\)

Feumaidh sinn a-nis na sùimean mìosail gu lèir obrachadh a-mach:

Sùimean mìosail gu lèir \(= 55.85 \times 12\)

\(= \pounds670.20\)

Thèid againn a-nis air a' chosgais gu lèir aig an aonta creideis a lorg:

Cosgais aonta creideis = àirleas + sùimean mìosail gu lèir

\(= 103.50 + 670.20\)

\(= \pounds773.70\)

Mu dheireadh, obraichidh sinn a-mach an diofar eadar prìs an aonta creideis agus a' phrìs airgid:

Air a phàigheadh a bharrachd = cosgais aonta creideis - prìs airgid

\(= 773.70 - 690\)

\(= \pounds83.70\)

Feuch a-nis a' cheist seo.

Question

Tha cluicheadair DVD a' cosg \(\pounds240\) ann an airgead.

Gheibh thu e le aonta creideis ma phàigheas tu àirleas de \(20\%\) agus 12 sùim mìosail de \(\pounds18.50\).

Dè bhios agad ri phàigheadh a bharrachd le aonta creideis?