Seataichean-dàta, claonadh àbhaisteach is an loidhne as freagarraicheClaonadh àbhaisteach

Dèan coimeas air seataichean-dàta le cuibheasan, plot-bhogsaichean, an raon eadar-chairtealach is claonadh àbhaisteach. Cleachd graf-sgapte is an loidhne as freagarraiche gus toraidhean a ro-innse.

Part ofMatamataigSgilean staitistigs

Claonadh àbhaisteach

Tha claonadh àbhaisteach cudromach airson a bhith a' tomhas sgaoileadh no sgapadh.

Bidh e ag innse dhuinn dè cho fada, gu cuibheasach, 's a tha na toraidhean bhon mheadhan.

Mar sin ma tha an claonadh àbhaisteach beag, tha sin ag innse dhuinn gu bheil na toraidhean faisg air a' mheadhan. Ma tha an claonadh àbhaisteach mòr, tha na toraidhean nas sgapte.

Mar eisimpleir, tha nàdar an dà sheata-dàta a leanas gu math diofraichte, ach tha an cuibheas, am meadhan agus an raon aca an aon rud.

Bhiodh e feumail tomhas àireamhail air choreigin a bhith againn a dhèanadh sgaradh eatarra.

Seata-dàta 1171215202228
Seata-dàta 21151515151628
Seata-dàta 1
1
7
12
15
20
22
28
Seata-dàta 2
1
15
15
15
15
16
28

Tha a' mhòr-chuid dhe na toraidhean ann an seata-dàta 2 faisg air a' chuibheas, ach an coimeas ris an sin, tha a' mhòr-chuid dhe na toraidhean ann an seata-dàta 1 nas fhaide bhon chuibheas.

Saoilidh sinn bhon seo gu bheil an claonadh àbhaisteach nas lugha ann an seata-dàta 2 na ann an seata-dàta 1.

Ann a bhith a' coimeas sgaoilidhean, tha e nas fheàrr tomhas sgaoilidh no sgapaidh a chleachdadh (leithid claonadh àbhaisteach no leth-raon eadar-chairtealach) a bharrachd air tomhas claonadh meadhain (leithid cuibheas, meadhan no mòd).

Tha fhoirmle ann airson claonadh àbhaisteach obrachadh a-mach, ach 's e am foirmle as trice a bhios air a chleachdadh airson claonadh àbhaisteach obrachadh a-mach:

\(\text{Claonadh àbhaisteach}\) \((\text{CÀ})\) \(SD = \sqrt {\frac{{\sum {{(X - \bar X)}^2}}}{{n - 1}}}\)

Far a bheil \(\sum\) a' ciallachadh 'sùim de'

'S e \({\bar X}\) an cuibheas

'S e \(\text{n}\) àireamh an dàta san t-sampall

Cleachd am fiosrachadh seo agus feuch na ceistean gu h-ìosal.

Question

Obraich a-mach an cuibheas (mean) is an claonadh àbhaisteach (SD) aig na h-àireamhan a leanas: \(4,\,7,\,9,\,11,\,13,\,15,\,18\)

Question

Tha cuideam seachdnar bhoireannach ann an cilegraman gu h-ìosal:

\(52,\,41,\,58,\,63,\,49,\,50,\,72\)

Obraich a-mach an cuibheas agus an claonadh àbhaisteach aig na cuideaman sin.

(b) B' e 60 agus 5.5, san òrdugh sin, an cuibheas agus an claonadh àbhaisteach aig buidheann fhireannach.

Dèan dà abairt a tha a' coimeas buidheann nam fireannach agus buidheann nam boireannach.