Seataichean-dàta, claonadh àbhaisteach is an loidhne as freagarraicheA' coimeas sheataichean-dàta

Dèan coimeas air seataichean-dàta le cuibheasan, plot-bhogsaichean, an raon eadar-chairtealach is claonadh àbhaisteach. Cleachd graf-sgapte is an loidhne as freagarraiche gus toraidhean a ro-innse.

Part ofMatamataigSgilean staitistigs

A' coimeas sheataichean-dàta

An raon eadar-chairtealach

Tha fios againn ann an seata àireamhan ann an òrdugh gur e am meadhan, \({C_2}\), an àireamh sa mheadhan a tha a' dèanamh dà leth dhen dàta.

San aon dòigh, tha an cairteal ìosal \({C_2}\) a' roinn an leth as ìsle dhen dàta na dhà leth, agus tha an cairteal àrd \({C_3}\) cuideachd a' roinn an leth as àirde na dhà leth.

Diagram of interquartile range with lower, median and upper marked

'S e an an diofar eadar an cairteal àrd agus an cairteal ìosal.

Airson an raon eadar-chairtealach (REC) obrachadh a-mach:

\(REC = {C_3} - {C_1}\)

Eisimpleir

Lorg am meadhan, an cairteal ìosal agus an cairteal àrd airson an dàta a leanas:

\(11,\,4,\,6,\,8,\,3,\,10,\,8,\,10,\,4,\,12\,agus\,31\)

Airson am meadhan a lorg, feumaidh sinn na h-àireamhan a chur ann an òrdugh an toiseach.

\(3,\,4,\,4,\,6,\,8,\,8,\,10,\,10,\,11,\,12,\,31\)

\(\text{Meadhan}({C_2}) = 8\)

\(\text{Cairteal}\, \text{Ìosal} ({C_1}) = 4\)

\(\text{Cairteal}\, \text{Àrd}({C_3}) = 11\)

Mar sin tha an REC = \({C_3} - {C_1} = 11 - 4 = 7\)

Seall air an t-seata-dàta seo:

\(1,\,5,\,7,\,8,\,9,\,12,\,13,\,15,\,17,\,18,\,35\)

'S e an raon eadar-chairtealach \(17 - 7 = 10\).

(Uaireannan feumaidh sinn an leth-raon eadar-chairtealach a lorg. Sin leth dhen raon eadar-chairtealach agus an seo 's e 5 a bhiodh ann)

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Lorg am meadhan agus an raon eadar-chairtealach airson an dàta a leanas:

\(13,\,18,\,15,\,11,\,6,\,9,\,23,\,8,\,17,\,21,\,6\)

Question

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh airson faighinn a-mach cia mheud peata a bha aig gach neach ann an clas.

Tha an toradh anns a' chlàr:

Àireamh pheataicheanTricead
03
15
22
37
410
53
61
Àireamh pheataichean0
Tricead3
Àireamh pheataichean1
Tricead5
Àireamh pheataichean2
Tricead2
Àireamh pheataichean3
Tricead7
Àireamh pheataichean4
Tricead10
Àireamh pheataichean5
Tricead3
Àireamh pheataichean6
Tricead1

Lorg an raon eadar-chairtealach.

Question

Ann an clas eile, b' e 9 an raon eadar-chairtealach. Dè tha seo ag innse dhut mu na toraidhean aig a' chlas seo?