A' coimeas sheataichean-dàta
Plot-bhogsaichean
Bidh plot-bhogsaicheanTha plot-bhogsaichean air a chleachdadh gus fiosrachadh a shealltainn mun raon, mun mheadhan agus mu na cairtealan. ga chleachdadh airson fiosrachadh a shealltainn mun raon'S e an raon an diofar eadar na luachan as àirde agus as ìsle ann an seata-dàta. , mun mheadhan agus mu na cairtealAn teirm coitcheann airson an raoin ìosail agus an raoin as àirde de sheata-dàta..
Canar 'giorrachadh còig-figearan' ris an fhiosrachadh a dh'fheumas sinn airson plot-bhogsaichean a tharraing.
Tha an giorrachadh còig-figearan a' gabhail a-steach:
- An Luach as Ìsle (I)
- An Cairteal Ìosal (C1)
- Am Meadhan (C2)
- An Cairteal Àrd (C3)
- An Luach as Àirde (À)
'S àbhaist plot-bhogsaichean a bhith air a tharraing ri taobh loidhne-àireamhan mar a chì thu an seo:
Eisimpleir
Tha an neach as sine ann am Mathsminster 90. Tha an neach as òige 15.
'S e aois-meadhain nan daoine 44, 's e 25 an cairteal ìosal agus 67 an cairteal àrd.
Seall am fiosrachadh seo le plot-bhogsaichean is chiabhagan.
Fuasgladh
Feuch a-nis a' cheist gu h-ìosal.
Question
Tha na comharran a fhuair clas Mrs Galbraith ann am Beurla ann an ceudadan gu h-ìosal:
16, 76, 100, 27, 48, 89, 92, 74, 53, 44, 36
Dèan giorrachadh còig-figearan agus cleachd sin airson plot-bhogsaichean a tharraing airson nan comharran gu h-àrd.
Feumaidh sinn na comharran a chur ann an òrdugh an toiseach:
Giorrachadh Còig-Figearan:
- Ì = 16
- C1 = 36
- C2 = 53
- C3 = 89
- À = 100
Tha am plot-bhogsaichean a' coimhead mar seo:
A' coimeas sgaoilidhean
Tha sinn air plot-bhogsaichean a tharraing mar-thà airson nan comharran san deuchainn Bheurla aig Mrs Galbraith.
Chì thu plot-bhogsaichean gu h-ìosal a tha a' sealltainn nan comharran aig deuchainn Matamataig Mgr Wilson.
Question
Dèan dà choimeas.
Tha am meadhan ann an comharran clas Mhgr Wilson nas àirde na am meadhan ann an comharran clas Mrs Galbraith. Tha seo ag innse dhuinn gun do rinn clas Mgr Wilson na b' fheàrr, gu cuibheasach, san deuchainn Matamataig na rinn clas Mrs Galbraith ann am Beurla.
Feumaidh gu bheil barrachd ìrean comais am measg nan sgoilearan ann an clas Mrs Galbraith oir tha na comharran nas sgaoilte na tha iad ann an clas Mhgr Wilson.