Tha ceithir sgeulachdan beothail anns A' Choille. Faodar an coimhead, an leughadh, an òrdachadh, an atharachadh agus stòiridh a sgrìobhadh.

Sgeulachdan



Tha ceithir sgeulachdan beothail anns A' Choille. Cliog air a' chraoibh gus a dhol chun na sgeulachdan. Cliog air na làmhan dearg gus an taghadh de sgeulachdan fhaicinn agus an uair sin cliog air an òrdag gus an sgeulachd a leughadh.

Oighrig Ùruisg
Sgeulachd stèidhichte air an uirsgeul thraidiseanta Afraganach aig Mami Wata, spiorad ghaisgeil nan aibhnichean a shàbhail baile bho uilebheist uabhasach. Tha beartas de dhealbhan 's de chòmhraidhean san sgeulachd, agus tha i na h-eisimpleir de sgeulachd mac-meanmnach.

Draoidh Paidh nan Siristean
Sgeulachd san nòs ùr anns a bheil balach leis an t-ainm Fionnlagh a' bruadar gu bheil draoidh ag èirigh a-mach às a' phaidh shirist aige, agus a' dèanamh iomadach rud dha. 'S ann mu mhac-meanmna leanabh a tha an sgeulachd, agus mu na daoine a tha cudromach na bheatha. Tha an sgeulachd na h-eisimpleir dhen chomas a th' aig clann air sgeulachdan mac-meanmnach a chruthachadh.

Calum Cathag
Faigh a-mach dè a tha a' tachairt nuair a thèid Calum Cathag a dh'fhuireach dhan chalmlann. Tha an sgeulachd a' dèiligeadh ri gràin-cinnidh, a' toirt cothrom do sgoilearan sealladh às ùr a thoirt air an t-saoghal. Tha dà dheireadh diofraichte air an sgeulachd agus tha cothrom aig sgoilearan taghadh dè an fhear as fheàrr leotha fhèin.

A' Lorg na Grèine
Thig còmhla ri Sgumban, Sgòd agus an caraidean gus faighinn a-mach dè a thachras nuair a thèid a' ghrian a dhìth. Tha na creutairean beaga a' fuireach air an tràigh agus gheibhear sealladh air an saoghal tro an sùilean. Tha an sgeualchd na h-eisimpleir dhen chomas a th' aig clann air sgeulachdan pearsanta a chruthachadh. Tha dà dheireadh diofraichte air an sgeulachd agus tha cothrom aig sgoilearan taghadh dè an fhear as fheàrr leotha fhèin.

Gnìomhan

Coimhead sgeulachd
Coimhead an sgeulachd le no às aonais teacsa. Cliog air ìomhaigh an leabhair airson teacsa fhaicinn mu choinneamh nan dealbhan agus an fhuaim. Tha putain Cluich, Stad agus Air ais ri fhaotainn.

Leugh sgeulachd
Leugh an sgeulachd aig astar a tha freagarrach. Nochdaidh an teacsa mu choinneamh nan dealbhan. Cliog air an t-saighead gus gluasad chun an ath dhuilleag.

Cuir sgeulachd an òrdugh
Dearbh sgilean èisteachd agus tuigse le bhith a' cur sreath de dhealbhan dhan òrdugh cheart. An uair sin crìochnaich seantansan a tha a buntainn ris an sgeulachd. Tha dà ire an seo:

Ìre 1
Cliog air na dealbhan gus an cuir dhan òrdugh cheart.

Ìre 2
Cuir crìoch air 5 no 9 seantansan gus am bi iad a' co-fhreagairt air dealbhan bhon sgeulachd. Tha an àireamh de sheantansan a tha ri chrìochnachadh a rèir dè cho math 's a rinn an sgoilear sa chiad ìre.

An dèidh a chrìochnachadh, gabhaidh an sgeulachd a chlò-bhualadh.

Atharraich sgeulachd
Sgrìobh sgeulachd mu dheidhinn aon de na caractaran san sgeulachd. Cruthaich tiotal, le bhith a' taghadh caractar agus àite bhon fheadhainn a chaidh a thairgsinn, 's an uair sin tòisich a' sgrìobhadh.

Tha ceithir dreachan ann. Tha iad ag atharrachadh a rèir dè na tha an neach-cleachdaidh airson sgrìobhadh agus dè an ìre de chuideachadh a tha a dhìth.

Bheir Ulaidhoillt cuideachadh le bhith a' faighneachd na ceistean a leanas:
• Cò a th' anns an sgeulachd agad?
• Càite a bheil an sgeulachd agad a' gabhail àite?
• Dè a tha a' tachairt san sgeulachd agad?
• Ciamar a tha an sgeulachd agad a' crìochnachadh?

Ma tha tuilleadh cuideachaidh a dhìth, cliog air a' chomharra cheist gus sgeulachd a sgrìobh Ulaidhoillt fhaicinn.

An dèidh sgrìobhadh, faodar dealbhan a chur ri gach duilleag dhen sgeulachd. Cleachd dealbhan-cùil, caractaran agus nithean eile bhon sgeulachd, no cleachd a' bhruis pheant gus dealbhan a chruthachadh. Faodar diofar chumaidhean a chur ris cuideachd. Gabhaidh rudan an gluasad air feadh a chanabhas, agus an dubhadh às, agus faodar an sgeulachd a chlò-bhualadh.

Cruthaich sgeulachd
Sgrìobh agus cur dealbhan ri sgeulachd mu charactaran agus nithean eile bhon sgeulachd.

Tha dà ire an seo:

Ìre 1
Tha earrainn air an duilleig airson teacsa agus earrainn fa leth airson dealbhan. Tha taghadh de fhaclan ri fhaotainn airson do chuideachadh. Faodar na dealbhan-cùil, na caractaran sna nithean eile a tha ri fhaotainn a chleachdadh, no a' bhruis pheant a chleachdadh gus dealbhan ùra a chruthachadh. Faodar diofar chumaidhean a chur ris cuideachd. Gabhaidh rudan an gluasad air feadh a' chanabhas, agus an dubhadh às, agus faodar an sgeulachd a chlò-bhualadh.

Ìre 2
Tha aon dhuilleag an seo airson teacsa agus dealbhan. Faodar builgein-còmhraidh a chleachdadh san ìre seo, a thuilleadh air na h-innealan a tha ri fhaotainn ann an Ìre 1.





Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.