Faodaidh an neach-cleachdaidh èisteachd ri na rannan agus am beachd fhèin a thoirt orra. Thèid dhan Uaimh agus cliog air Rannan gus ceithir rannan gu math diofraichte a chluinntinn. Cluinnear beachdan Ulaidhoillt, Iain Ialtag, Doilidhtuhù agus Rùbaidh Rabaid mus bi cothrom aig an neach-cleachdaidh am beachd fhèin a thoirt seachad.
Chaidh Ulaidhoillt, Iain Ialtag, Doilidhtuhù agus Rùbaidh Rabaid a chruthachadh gus diofar fhaireachdainnean a riochdachadh, 's iad a' toirt am beachdan air na rannan. Bheir seo cuideachadh do sgoilearan le bhith a' cur am beachdan fhèin an cèill.
Tagh rann bhon liosta agus an uair sin tagh dà charactar a bu toigh leat èisteachd ris an rann còmhla riut. Èist ris an rann agus cluinn beachdan nan caractaran.
Cliog air aon de na trì damhain-allaidh gus èisteachd ri rann eile, peant an rann no tagh diofar charactaran gus am beachdan a chluinntinn.
Cliog air Peant an rann, tagh aon dha na trì beachdan a tha a' nochdadh air an sgrion agus an uair sin cleachd dealbhan agus teacsa gus beachdan mun rann a chur an cèill.
Faodar seo a chlò-bhualadh cuide ri na faclan.
Gille Beag Laghadh
Tha an rann seo air a sgrìobhadh bho shealladh bhalach nach eil a' tuigsinn carson nach eil meas aig daoine air. Tha comhardadh sìmplidh agus ath-aithris èifeachdach de dh'fhaclan san rann.
Còrdaidh an rann seo ri Ulaidhoillt seach gu bheil e cho dèidheil air rudan mì-mhodhail, ach cha bhi beachd mhath aig Rùbaidh Rabaid air a' bhalach idir.
Latha Doilleir Dorcha
Tha an rann seo a' toirt dealbh air latha far a bheil a h-uile càil a' dol ceàrr. Tha uaim sìmplidh san rann.
Còrdaidh ann rann seo ri Rùbaidh Rabaid oir 's ann mar seo a bhios i fhèin a' faireachdainn aig amannan. Cha chòrd e idir ri Iain Ialtag oir bheir e air cuimhneachadh air làithean dubhach nuair nach bi càil a' dol ceart.
Sabhs
Rann èibhinn le comhardadh sìmplidh.
Chaidh an rann seo a sgrìobhadh gu sònraichte dha Ulaidhoillt agus còrdaidh na dealbhan grànda ris. Canaidh Rùbaidh Rabaid gu bheil an rann ro ghòrach.
Sgoil nan Eun Beaga
Rann sona agus beothail a tha a' toirt dealbh brèagha de nàdar.
Chaidh an rann seo a sgrìobhadh gu sònraichte dha Doilidhtuhù agus còrdaidh na dealbhan brèagha rithe. Cha chòrd e idir ri Ulaidhoillt seach gu bheil e cho sona agus brèagha.
> Thèid chun na rannan