'S e làrach-lìn Ghàidhlig a th' anns A' Choille air a bheil cothroman freagarrach dha clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus dha clann a tha a' faighinn eòlas air Gàidhlig tro phrògram GLPS. 'S dòcha gu bheil an susbaint, an cànan is na gnìomhan nas buntainniche dha clann aig a' Chiad Ìre ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (agus cuid de na tha san Tràth Ìre dha fileantaich) ach tha cothroman freagarrach ann dha clann a tha nan luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus ag obair a dh'ionnsaigh na Dara Ìre den Churraicealam airson Sàr Mhathas. Ach a thaobh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig 's dòcha gum feumar taic a thoirt seachad co-cheangailte ri pàirtean den chànan seach gur i a' Ghàidhlig a-mhàin a th' air an làraich-lìn.
Anns A' Choille tha sgeulachdan beothail, agus òrain, bàrdachd is gnìomhan co-cheangailte riutha. Tha a dealbhachadh a rèir prionnsapalan CfE le bhith a' tabhann chothroman airson farsaingeachd cànain thar dhiofar shuidheachaidhean, le cothroman airson doimhneachd tro chleachdadh sgeulachdan is bàrdachd. Faodar gnìomhan a dhèanamh pearsanta agus tha cothrom aig luchd-cleachdaidh crìoch a chur air na sgeulachdan mar a thogras iad fhèin agus susbaint nan sgeulachdan a chruthachadh iad fhèin. Tha seo cuideachd a' toirt cothrom airson adhartas a dhèanamh.
Chithear gu h-ìosal cunntas air an eòlas is na h-amasan a tha co-cheangailte ris a' ghoireas seo. Dh'fhaodadh iad cuideachd cur ri roinnean eile den churraicealam nach eil air an ainmeachadh.
Litreachas agus Gàidhlig
• Bidh mi gu tric a' taghadh cuspair, adhbhar, cruth agus goireasan airson mo theacsaichean fhìn a chruthachadh.
LIT 1-01a/LIT 2-01a
• Tha mi a' rannsachadh mar a tha luaths cainnte, gluasadan bodhaig, dòigh-labhairt, cuideam agus taghadh fhacail gan cleachdadh airson a bhith a' dèiligeadh ri daoine eile, agus 's urrainn dhomh na tha mi ag ionnsachadh a chur gu feum.
GAI 1-03a
• 'S urrainn dhomh aithneachadh mar is urrainn feartan cànan labhairt cuideachadh le conaltradh, agus 's urrainn dhomh na dh'ionnsaicheas mi a chur gu feum.
• 'S urrainn dhomh diofar fheartan aithneachadh anns a' chànan labhairt agam fhìn agus aig daoine eile.
GAI 2-03a
• Fhad 's a tha mi ag èisteachd no a' coimhead, is urrainn dhomh adhbhar agus prìomh fhacail agus bheachdan an teacsa aithneachadh agus bruidhinn air, agus am fiosrachadh seo a chleachdadh airson adhbhar sònraichte.
LIT 1-04a
• Fhad 's a tha mi ag èisteachd no a' coimhead, 's urrainn dhomh adhbhar an teacsa, na prìomh bheachdan agus am fiosrachadh a tha a' cur taic riutha aithneachadh agus bruidhinn orra, agus 's urrainn dhomh am fiosrachadh seo a chleachdadh airson diofar adhbharan.
LIT 2-04a
• 'S urrainn dhomh beachdan is fiosrachadh iomchaidh a thaghadh is a chur an òrdugh agus facail a chleachdadh a bhios inntinneach is feumail do dhaoine eile.
LIT 1-06a
• 'S urrainn dhomh beachdan is fiosrachadh iomchaidh a thaghadh is a chur an òrdugh ann an dòigh a tha freagairt air m' adhbhar agus facail a chleachdadh a fhreagras air mo luchd-amais.
LIT 2-06a
• 'S urrainn dhomh sealltainn gu bheil mi a' tuigsinn na tha mi ag èisteachd no a' coimhead le bhith a' freagairt no a' faighneachd diofar sheòrsaichean cheistean.
LIT 1-07a
• 'S urrainn dhomh sealltainn gu bheil mi a' tuigsinn na tha mi ag èisteachd no a' coimhead le bhith a' freagairt cheistean litireil, ceistean a' sireadh brìgh, ceistean measaidh no seòrsaichean cheist eile, agus le bhith a' faighneachd cheistean de dhiofar seòrsaichean bhuam fhìn.
LIT 2-07a
• Le beachdachadh air an t-seòrsa teacsa a tha mi a' cruthachadh, 's urrainn dhomh fiosrachadh is smuaintean iomchaidh a thaghadh, a chur an òrdugh agus facail a chleachdadh a bhios inntinneach agus/no feumail do dhaoine.
LIT 1-26a
Luchd-ionnsachaidh
• Tha mi a' faighinn eòlas air pàtrain agus fuaimean cànain tro òrain agus rannan agus a' sealltainn tuigse agus tlachd le bhith ag èisteachd, a' gabhail pàirt agus a' freagairt.
MLAN 2-01a
• Bidh mi a' feuchainn òrain agus rannan sìmplidh agus is toigh leam a bhith ag ionnsachadh còmhla ri daoine fhad 's a tha sinn a' bruidhinn is ag èisteachd còmhla.
MLAN 2-05a
• Dh'obraich mi còmhla ri daoine eile, a' cleachdadh diofar mheadhanan mar ICT mar a bha sin iomchaidh, agus 's urrainn dhomh cur gu soirbheachail ri taisbeanadh ann am Beurla, le taic bhon chànan a tha mi ag ionnsachadh, mu chuspair a' buntainn ris an dùthaich far a bheil an cànan a tha mi ag ionnsachadh ga bhruidhinn.
MLAN 2-06b
• Tha mi ag obair leam fhìn agus còmhla ri daoine eile airson teacsa a thuigsinn, a' cleachdadh ghoireasan iomchaidh, a' sealltainn gu bheil mi a' tuigsinn le bhith a' maidseadh fhacail agus dhealbhan agus le bhith a' cur an teacsa air ais ri chèile ann an òrdugh rianail, mar eisimpleir.
MLAN 2-08a
• 'S urrainn dhomh measgachadh de theacsaichean de dhiofar sheòrsaichean a thaghadh agus a leughadh gun strì, leam fhìn agus còmhla ri daoine eile, nam measg neo-fhicsean, cunntasan goirid mac-meanmnach agus rosg is bàrdachd, 's dòcha air an atharrachadh.
MLAN 2-10a
Sgeulachdan
• Oighrig Ùruisg
• Draoidh Paidh nan Siristean
• Calum Cathag
• A' Lorg na Grèine
Faodaidh sgoilearan sgeulachd a choimhead no a leughadh, agus an uair sin feuchainn air na gnìomhan òrdachaidh, atharrachaidh agus chruthachaidh.
Òrain
Tha na h-òrain air an seinn le ceithir creutairean càirdeil:
• Òran Ulaidhoillt
• Òran Iain Ialtag
• Òran Rùbaidh Rabaid
• Rap Doilidhtuhù
Faodaidh sgoilearan faclan an t-sèist a thaghadh agus aodach diofraichte a chur air na caractaran. Daingnichidh seo an cànan le bhith a' cleachdadh molaidhean lèirsinneach agus bheir e cothrom dha luchd-ionnsachaidh fuaimneachaidh a chluinntinn.
Rannan
• Gille Beag Laghach
• Latha Doilleir Dorcha
• Sabhs
• Sgoil nan Eun Beaga
Èist agus faigh a-mach dè na beachdan a th' aig Ulaidhoillt, Iain Ialtag, Rùbaidh Rabaid agus Doilidhtuhù air na rannan. An uair sin faodaidh luchd-cleachdaidh am beachd fhèin a thoirt orra le bhith a' cleachdadh faclan is dealbhan. Tha beagan de chànan dùbhlanach sa bhàrdachd agus thathas a' moladh gun cleachd tidsearan seo mar chothrom airson teagasg. Bu chòir dha luchd-ionnsachaidh a bhith eòlach air a' chànan mus toir iad beachd air a' bhàrdachd no mus freagair iad.
Taic claistinneach is lèirsinneach
Faodar cliogadh air a' phutan Roghainnean gus:
• an teacsa ath-mheudachadh agus an cùl-dhath agus dath an teacsa atharrachadh
• an teacsa air an sgrion a' chluinntinn ga leughadh
• fo-thiotalan a chur an sàs airson a' mhòrchuid dhe na stuthan fuaim is bhidio.
Chan eil 'Roghainnean' ri fhaotainn san earrainn do Phàrantan is Thidsearan.
Gabhaidh a' mhòrchuid dhen t-susbaint a sgrùdadh le bhith a' cleachdadh a' phutan 'Tab'.