Tha ceithir òrain beothail anns A' Choille air an seinn le caractaran annasach. Èist ri h-òrain, tagh facail ùra don t-sèist agus sgeadaich na caractaran.


Tha fadachd air Ulaidhoillt, Iain Ialtag, Doilidhtuhù agus Rùbaidh Rabaid seinn. Thèid dhan Uaimh agus cliog air Òrain gus an coinneachadh. Cliog air gach caractar gus na h-òrain sònraichte aca a chluinntinn.

An dèidh caractar a thaghadh, tha trì roghainnean ann.

Èist ri òran
Tha an caractar a' seinn an òran aca. Tha faclan an òrain ri fhaicinn anns a' bhogsa aig mullach an sgrion.

Atharraich òran
Tagh faclan ùra airson an t-sèist. Thoir sùil air an liosta de roghainnean agus cliog air faclan. Èist ris an òran gus an dreach ùr dhen t-sèist a chluinntinn. Cliog air an ìomhaigh dorais a nochdas aig deireadh na gnìomh-sa gus tilleadh chun chlàr-innse.

Gabhaidh faclan nan òran a chlò-bhualadh.

Sgeadaich na caractaran
Tagh èididhean ùra a-mach às a' phreas-aodaich dha Ulaidhoillt, Iain Ialtag, Doilidhtuhù agus Rùbaidh Rabaid.

Cliog air na h-ìomhaighean os cionn a' phreas-aodaich gus faicinn dè na rudan a tha ri fhaighinn, 's an uair sin sgeadaich gach caractar fa leth. Cleachd n h-ìomhaighean air an sgeilp ìosal gus dathan an aodaich atharrachadh. Cliog air an ìomhaigh dorais a nochdas aig deireadh na gnìomh-sa gus tilleadh chun chlàr-innse.

Èist ris an òran gus na caractaran fhaicinn nan èididhean ùra.

Dèan dhomh e - tagh "Dèan dhomh e" gus an tèid na faclan agus na h-èididhean atharrachadh leis a' choimputair.

Na h-Òrain

Òran Iain Ialtag
Anns an t-òran tiamhaidh seo tha Iain Ialtag ag innse mu na rudan as fheàrr leis. Tha an teachdaireachd dòchasach a tha san t-sèist gu math diofraichte ris an t-seinn bhrònach aig Iain. Cruthaich dreach eile dhen t-sèist le bhith a' taghadh fuaimean brònach.

Rap Doilidhtuhù
Cuir eòlas air Doilidhtuhù leis an rap seo. Tha an t-sèist a' toirt dealbh de Doilidhtuhù, agus na caractaran eile a' seinn mu deidhinn agus ag innse mu na rudan as fheàrr leatha. Cruthaich dreach eile dhen t-sèist le bhith a' taghadh bho na h-abairtean.

Òran Rùbaidh Rabaid
Òran ann an stoidhle Bollywood mu bheatha thrang Rùbaidh Rabaid. Cruthaich dreach eile dhen t-sèist le bhith a' taghadh bho na h-abairtean.

Òran Ulaidhoillt
Seinn an t-òran annasach seo mu Ulaidhoillt, an uilebheist grànda, agus na rudan mì-chàilear as fheàrr leis. Tha an t-sèist làn de dh'faclan is de dh'fuaimean èibhinn. Cruthaich dreach eile dhen t-sèist le bhith a' taghadh bho na h-abairtean.

> Thèid chun na h-òrain




Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.