Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,05 May 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 29 days

'S iomadh cogadh is buaireadh a tha a' dol air feadh an t-saoghail - ach tha comhstri ann am Mali, air taobh siar Afraga, air iomagain a thogail ann am prìomh bhailtean an Roinn Eòrpa - le reubaltaich a' sgiùrrsadh feachdan Ruiseanach is feachdan riaghaltais à bailtean mòra. Ach an d'thoir am buaireadh a tha sin buaidh sam bith gu h-eadar-nàiseanta? Tha eòlaiche an Ear Mheadhanaich, Iain Mac a' Phearsain, còmhla ri Cathy son tuilleadh a mhìneachadh. Leis a' sgoth "Britannia" a' faighinn àrd-mholadh mar thuras gu h-eadar-nàiseanta, gheibh sinn iomradh air cò ris a tha i coltach bho Hamish Scott, a bha ag obair oirre; agus a h-eachdraidh bhon Chaiptein Alasdair Mac a' Ghobhainn. Ghabh Eadailteach turas 1000 mìle airson sgioba ball-coise ann an Èirinn a' Tuath fhaicinn - a bha e air a bhith a' cluich sa ghèam coimpiutair Football Manager. Ach carson a tha an gèam cho tarraingeach? Agus gheibh Cathy cuideachd beachd air na h-eòin a chluinneas sinn a-muigh mun àm sa dhen bhliadhna, còmhla ri Shona NicIlleFhialain.

Programme Website
More episodes