
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè na h-eòin a chluinneas sinn mun àm sa dhen Chèitean? What wild birds can be heard at this time of year?
'S iomadh cogadh is buaireadh a tha a' dol air feadh an t-saoghail - ach tha comhstri ann am Mali, air taobh siar Afraga, air iomagain a thogail ann am prìomh bhailtean an Roinn Eòrpa - le reubaltaich a' sgiùrrsadh feachdan Ruiseanach is feachdan riaghaltais à bailtean mòra. Ach an d'thoir am buaireadh a tha sin buaidh sam bith gu h-eadar-nàiseanta? Tha eòlaiche an Ear Mheadhanaich, Iain Mac a' Phearsain, còmhla ri Cathy son tuilleadh a mhìneachadh.
Leis a' sgoth "Britannia" a' faighinn àrd-mholadh mar thuras gu h-eadar-nàiseanta, gheibh sinn iomradh air cò ris a tha i coltach bho Hamish Scott, a bha ag obair oirre; agus a h-eachdraidh bhon Chaiptein Alasdair Mac a' Ghobhainn.
Ghabh Eadailteach turas 1000 mìle airson sgioba ball-coise ann an Èirinn a' Tuath fhaicinn - a bha e air a bhith a' cluich sa ghèam coimpiutair Football Manager. Ach carson a tha an gèam cho tarraingeach?
Agus gheibh Cathy cuideachd beachd air na h-eòin a chluinneas sinn a-muigh mun àm sa dhen bhliadhna, còmhla ri Shona NicIlleFhialain.
On radio
Broadcasts
- Today09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Today22:55BBC Radio nan Gàidheal