--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Rathad an t-Sròim gu bhith dùinte "greis mhath" | ||||||||||||||||||||||
Dh'aidich Comhairle na Gàidhealtachd gum faodadh mìosan a bhith ann mus fosgail seach-rathad an t-Sròim a-rithist. Chaidh an rathad a dhùnadh as dèidh maoim-slèibhe ron Nollaig. Thuirt Cathraiche Comataidh Seirbheisean TEC na Comhairle, Iain Laing, gun robh maoimean-slèibhe tric air bualadh air an rathad thar iomadh bliadhna, a dh'aindeoin grunn oidhirpean gus smachd a chur air an trioblaid. Thuirt e gu bheil an t-àm ann a-nise coimhead air a' chùis ann an doimhneachd gus fuasgladh maireannach a lorg. Dh'innis e gum bi "greis mhath" ann gus an tèid an rathad fhosgladh. A rèir Mhgr Laing tha a' chomhairle a' beachdachadh air drochaid, slighe an rathaid atharrachadh, air neo an tunnel a tha an-drasta a' cur dìon air pìos den rathad is an loidhne-rèile a leudachadh. Cosgais Se an tunnel a leudachadh an roghainn as fheàrr aig an ìre-sa thuirt e, ach chan eil cinnt ann fhathast mu dè chosgas an obair. "Saoilidh mi gum bi cosgais mhòr na lùib - chan eil ceist ann mu dhèidhinn sin", thuirt Mgr Laing. "Gu cinnteach tha sinn a' coimhead air grunn mhuilleanan notaichean", thuirt e. Fhads a tha Comhairle na Gàidhealtachd ag amas air freagairt mhaireannach tha oidhirpean a' leantainn air fuasgladh eadar-amail. 'S ann air bus agus trèan a chaidh sgoilearan gu Àrd-Sgoil a' Phluic Diluain is Dimàirt. Dhearbh a' chomhairle gun lean sin gu deireadh na seachdain. Aiseag Thathas an dòchas an ath-sheachdain gum bi aiseag son luchd-coiseachd a-mhàin a' ruith eadar Stròm Carranach agus Port an t-Stròim. Tha àite son 61 neach air 'Sula Mhòr' is dùil gun tèid a cleachdach son an òigridh fhaighinn dhan sgoil. Thathas an dòchas cuideachd aiseag Ghleann Eilge, a ghabhas sia càraichean, a chur an-sàs eadar Stròm Carranach is Port an t-Sròim. Tha na bàtaichean mar as trice gan cur gu feum ann an seasan na tùrasachd. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air na cidhean son dèanamh cinnteach gu bheil iad fhathast freagarrach. Sguir an t-seann aiseag anns na 1970'an. | CEANGALAICHEAN IONADAIL Dùil ri aiseagean aig an t-Sròm a-rithist09 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||