BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
»Turn ON
Cuir AIR
»What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
Ùraichte air: 09 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 09:02 BST
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh
Dùil ri aiseagean aig an t-Sròm a-rithist
Sula Mhòr
Thathas an dòchas gum bi an 'Sula Mhòr' a' dol eadar Stròm Carranach agus Port an t-Stròim an ath-sheachdain.
Tha dùil a-rithist gum bi seirbheis aiseig a' dol thairis air Loch Carran is Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh air fuasgladh eadar-amail dha na trioblaidean aca le seach-rathaid an t-Sròim.

Chaidh an rathad a dhùnadh ron Nollaig as dèidh maoimean-slèibhe.

Fhuair a' chomhairle stiùireadh bho eòlaichean nach bu chòir an rathad fhosgladh gus an tèid a' chreag aig oir an rathaid a dhèanamh sàbhailte.

Dùinte

Tha dùil mar sin gum bi an rathad dùinte co-dhuibh cola deug eile.

Bha a' chomhairle an dòchas dà aiseag a chur air an t-slighe aig an t-Stròm meadhan na seachdain seo, ach cha tachair e a-nise gu an ath-sheachdain.

Bhiodh aonnan dhuibh, Sula Mhòr, son luchd-coiseachd a-mhàin le goireasan son 61 duine.

Thathas cuideachd an dòchas aiseag Ghleann Eilge, a ghabhas sia càraichean, a chur an-sàs.

Rèile

A bharrachd air sin thathas a' beachdachadh air dòigh gus am faigh trafaic air an loidhne rèile a chleachdadh, ach chan eil dùil gun tachair sin a' chiad ghreis.

Fhads a tha obair a' leantainn ann an oidhirp na h-aiseagan a chur ann an seirbheis, chaidh planaichean a chur an gnìomh gus sgoilearan fhaighinn gu Sgoil a' Phluic, air bus agus trean.

Tha busaichean a' dol bhon Chomraich, Àird nan Easgann, Ciseorn is Loch Carron gu Srath Carron, is na sgoilearan a' faighinn trèan an uairsin dhan Phloc.

CEANGALAICHEAN IONADAIL
Caochladh mholaidhean son Rathad an t-Sròim
05 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Coinneamh mu Rathad an t-Sruim
04 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy