BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
»Turn ON
Cuir AIR
»What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
Ùraichte air: 04 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 09:53 BST
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh
Coinneamh mu Rathad an t-Sruim
Aiseag an t-Sruim
Chaidh an rathad an àite an t-seann aiseig tarsainn Caolas an t-Sruim
Coinnichidh ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd Diardaoin airson deasbad na ghabhas dèanamh mu Rathad an t-Sruim air taobh siar Rois.

Tha an rathad air a bhith dùinte bho thachair maoim-slèibhe goirid ron Nollaig, agus chan eil fhios ann aig an ìre seo cuin a dh'fhosglas e a-rithist.

Feumaidh muinntir na sgìre còrr is 150 mìle a bharrachd a dhràibhedh airson faighinn bho Shrath charrann gu Caol Loch Aillse.

Sin an àite dìreach 20 mìle nuair a tha an rathad fosgailte.

Ged a chaidh 200 tunna de chreig agus poll a sgioblachadh às an rathad tha an rathad fhathast dùinte le dragh gun tig tuilleadh stuth bhon bheinn os a chionn.

Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy