--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Adhartas ga dheanamh a thaobh seirbheis aiseig a Mhalaig | ||||||||||||||||||||||
Tha e a' coimhead nas coltaiche a-nis gun teid seirbheis aiseig a chuir air doigh eadar Malaig agus Loch Baghasdail as deidh do riochdairean bho Storas Uibhist coinneachadh ri Ministear na Comhdhail, Stiubhairt Stevenson. Bha e na air a bhith na bhriseadh duil do mhuinntir Uibhist nach robh an t-seirbheis an luib cumhnant ur Chaledonian Mhic a' Bhruthainn a ghleidh iad an-uiridh. Dh'innse Mghr Stevenson dhaibh gum faodadh an t-airgead a bhith airson leithid de sheirbheis a chuir air chois. Dh'iarr e gun deigheadh plana aontachadh eadar Caledonian Mac a' Bhruthainn, Comhairle nan Eilean Siar agus Storas Uibhist fhein airson am moladh a thoirt air adhart. Thuirt Cathraiche Storas Uibhist, Aonghas Mac a' Mhaoilein, ged nach deach gealladh sam bith a thoirt seachad, gu robh barrachd dochais aige a-nis gu bheil iad fhein, a' Chomhairle, Caledonian Mac a' Bhruthainn agus an Riaghaltas deonach obrachadh comhla feuch de ghabhas deanamh. "Tha am Ministear deonach a thighinn a-mach a dh'Uibhist a bhruidhinn rinn anns na miosan a tha romhainn nuair a gheibh e am fiosrachadh a tha sinn dol a chuir thuige", thuirt Mghr Mac a' Mhaoilean. Cidhe Loch Baghasdail Bho fhuair muinntir Uibhist a Deas sealbh air an cuid fearainn bho chionn ceithir miosan deug tha a' bhuidhean air a bhith coimhead ri mar a ghabhadh eaconomaidh na sgire a bhith air a thoirt air adhart. A-measg na dh'iarradh iad tha gun deigheadh leasachadh a dheanamh aig cidhe Loch Baghasdail. Bu mhath leotha nam biodh barrachd doimhneachd anns a' chaladh, gus am faigheadh soithichean mor a-steach ann agus gum biodh barrachd rium ann dhan na h-iasgairean agus do dh'aiseag. Gheall Stiubhairt Stevenson gun deigheadh leasachadh aig a' chidhe a chuir dhan a' phrogram calpa aig an Riaghaltas. | CEANGALAICHEAN IONADAIL Iarrtas 'son leasachadh air Cala Loch Baghasdail21 Am Faoilleach, 2008 | Naidheachdan Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||