--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Iarrtas 'son leasachadh air Cala Loch Baghasdail | ||||||||||||||||||||||
Tha a' bhuidheann coimhearsnachd Stòras Uibhist an dùil coinneachadh ri Ministear na Còmhdhail, Stiùbhart Stevenson, airson airgead leasachaidh airson cala Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas iarraidh air. Tha a' bhuidheann an dùil coinneachadh ri Mgr Stevenson, Dimàirt (22/01/2008) 's iad ag iarraidh gun tig adhartas mòr air a' phort. Chuir a' bhuidheann na planaichean aca dhan Chomhairle - a bha a' cur air adhart na bha iad a' moladh airson a' chala - nam measg àiteaichean ùra do bhàtaichean-seòlaidh, luing-cuairt-mara agus do bhàtaichean-iasgaich a bharrachd air planaichean leasachaidh airson taigheadas faisg air a' chidhe. Thathas cuideachd a' moladh gum bi àite ùr ann far an tig an aiseag a-steach anns am bi doimhneachd agus leud nach eil ann an-dràsta. Aiseag Dhèanadh seo e na b'fhasa aiseag a chuir dhan chala, agus bheireadh e barrachd chothrom leasachaidh dhan chidhe. A rèir Chathraiche Stòras Uibhist, Aonghas Mac a' Mhaoilein, tha taic ann dha na planaichean bho bhuidhnean poblach air a' Ghàidhealtachd , agus thathas a-nis airson 's gun tòir am ministeir sùil gheur orra. "Aig deireadh an latha feumaidh sin a dhèanamh cinnteach gu bheil a h-uile goireas an Loch Baghasdal a tha sinn ag iarraidh dha na gnothaichean a tha sin a' cur air adhart." Thurit Mgr Mac a' Mhaoilein "Tha airgead aig a' mhinistear airson cidheachan a chur air aghaidh, chan ann a-mhàin ann a Loch Baghasdail, as gach àite far a bheil na h-aiseagan a tha sin ag obair, agus tha sinne airson a dhèanamh cinnteach gun tèid seo dhan phlana chalpachais a tha aca-san" Còmhstrì Tha còmhstrì air a bhith ann sna seachdainean a chaidh seachad mu mholaidhean ChalMac airson slìghe aiseig Loch Baghasdail atharrachadh a Mhalaig. Ach, a rèir Stòras Uibhist, chan eil sin a' dèanamh diofar aig an ìre seo ris na planaichean leasachaidh a th' aca airson cala Loch Baghasdail . "Rud tha sinne a' coimhead air 's e gun tig againne air a dhol air adhart agus ciamar a thig againn ma dh'fhaoidte eadhon as t-samhradh seo tighinn air bàt-aiseig a bhith a' dol air ais 's air aghaidh eadar Loch Baghasdal agus Malaig." | CEANGALAICHEAN IONADAIL Cal Mac dol às àicheadh gun do bhris iad an lagh 16 Am Faoilleach, 2008 | Naidheachdan Moladh ChalMac air aiseag Mhalaig air fhoillseachadh16 Am Faoilleach, 2008 | Naidheachdan Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||