BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
»Turn ON
Cuir AIR
»What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
Ùraichte aig: 16 Am Faoilleach, 2008 - Air fhoillseachadh aig 17:51 GMT
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh
Cal Mac dol às àicheadh gun do bhris iad an lagh
Bàt-aiseig
Tha Cal Mac a' dol às àicheadh na casaid
Dh'fhàgadh air Cal Mac gun do bhris iad an lagh a thaobh a' chonaltraidh phoblaich airson aiseag ùr a chur air chois eadar Malaig agus Uibhist.

Thathas airson seirbheis aiseig a chur air bhog eadar Malaig 's Loch Baghasdail, an Uibhist a Deas, agus iad a' cumail a-mach gun gabhadh seo dèanamh gun bàta ùr a cheannach.

A' bruidhinn air Aithris an Fheasgair an-raoir (16/01/2008), thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Manford, gun robh còir aig Cal Mac na molaidhean aca a shealltainn dhan t-sluagh mus deach an sealltainn dhan Riaghaltas.

Mealladh

"Chaidh iad a-mach às an rathad airson daoine sa choimhearsnachd seo a chumail san dorchadas ... am brathadh is am mealladh," thuirt e.

Bha e a' bruidhinn as dèidh mar a dh'fhoillsich Cal Mac na molaidhean a chuir iad air beulaibh an Riaghaltais airson seirbheis a chumail eadar Uibhist is Malaig ann an oidhirp soillearachadh a ghnothaich.

B' e fear de na molaidhean sin, bàta ùr a cheannach airson na seirbheis, ach cuideachd, chaidh a mholadh seirbheis Bharraigh a chur còmhla ri seirbheis Loch Baghasdail, taobh Mhalaig seach an Òbain.

 Chaidh iad a-mach às an rathad airson daoine sa choimhearsnachd seo a chumail san dorchadas ... am brathadh is am mealladh
An Comh. Dòmhnall Manford

Tha Cal Mac a' dol às àicheadh na casaid gun do bhris iad an lagh.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne (17/01/2008) thuirt Stiùiriche Conaltraidh Chal Mac, Uisdean Mac Ghill' Fhinnein:

"Bhiodh e gu math ladarna dhuinne a bhith a' cur a-steach tagradh a bha a' dol a bhriseadh an lagh. "

Conaltradh Poblach

Tha Mgr Mac Ghill' Fhinnein cuideachd a' cumail a-mach nach do rinn a' chompanaidh dad ceàrr a thaobh a' phròiseis chonaltraidh phoblaich.

"'S e an tuigse a th' againn air agus a' bh' aig na fir-lagha a bha an-sàs sa ghnothach againne, nach b'urrainn dhut a dhol an-sàs ann a bhith a' conaltradh air dè bha thu a' cur air adhart, gus an deadh aontachadh ann am prionnsabal an robh e, no nach robh e, gu bhith sa chùmhnant aig deireadh an là."

 Bhiodh e gu math ladarna dhuinne a bhith a' cur a-steach tagradh a bha a' dol a bhriseadh an lagh
Uisdean Mac Ghill Fhinnein, Cal Mac

Thuirt an Comh. Manford gu bheil an t-earbsa eadar an sluagh agus ceannardan Chal Mac air a bhriseadh.

"Chan eil mi idir a' faicinn ciamar is urrainn dha ceannardan na companaidh seo cumail air n-aghaidh agus seo a dhèanamh iad fhèin, on a tha earbsa briste," thuirt e.

CEANGALAICHEAN IONADAIL
Moladh ChalMac air aiseag Mhalaig air fhoillseachadh
16 Am Faoilleach, 2008 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy