|   |  | |  | 
 |  |  | Aithisg Mìneachaidh - Cumhachd an dealain
S e facal iongantach a thann an hydro. Tha e a ciallachadh uisge agus tha stèisean dealain Chruachain a cleachdadh uisge a tha gluasad airson dealan a dhèanamh. Mar as trice an dèidh dha uisge tuiteam às na speuran, tha e a ruith sìos bruaichean is beanntan gus an ruig e a mhuir. Ma tha beinn cas, tha an t-uisge a tha sin a gluasad gu math luath agus tha lùths na lùth-ghluasad ann. Tha cumhachd aige. Ma tha thu airson dealan a chruthachadh feumaidh tu stad a chur air an uisge le balla-casg agus a chruinneachadh ann an stòr uisge gus am bi feum agad air.
An uairsin, nuair a tha thu airson dealan a chruthachadh tha thu ga leigeil às an stòr-uisge. Tha e a dol le fruis tro phìoban chun na stèisein dealain far a bheil lannan ga thionndadh am broinn roth-uidheim. Tha an roth-uidheim a cur a ghineadair a dhol agus s e an gineadair a tha a cruthachadh an dealain.
Às deidh sin, tha an dealan a sruthadh tro chàballan mar gum biodh uisge a dol tro phìoban gu ruig e dachaighean agus togalaichean.
Aig an deireadh, anns an taigh agad fhèin, faodaidh tu suids a bhruthadh agus le cumhachd dealain gheibh thu solas agus blàths. Chì thu dealbhan air an telebhisean. Cluinnidh tu naidheachdan air an rèidio. Gheibh thu deoch fhuar às a fridse. Nì plàide-dealain do leabaidh blàth dhut, agus dùisgidh gleoca-dealain thu anns a mhadainn.
Tha dealain air leth feumail. Cha bhiodh ar dachaidhean no ar n-àitichean obrach idir cho cofhurtail no cho goireasach às aonais. Nach math gum bì an t-uisge a sileadh às na speuran!
|  |
 | |
|