|   |  |  |  | 
 |  |  | Aithisg Sìde - Astràilia, Alba agus an Aimsir
Ro-ràdh
Nuair a bha mi ann an Astràilia san Fhaoilleach, bha i blàth a h-uile latha. Bha am muir gorm a crònan air tràigh gheal Bondi agus bha gillean agus caileagan a snàmh, a sgitheadh agus a surfadh gu toilichte anns na suailean.
Ach nuair a thàinig mi dhachaigh a dhAlba, bha i fuar, fliuch agus robach. Bha a ghaoth a feadarsaich tro na craobhan agus a suabadh adan bho cheann nan daoine air an t-sràid. Bha a h-uile duine leis a chnatan.
Chuir e iongnadh orm carson a bha seo. Smaoinich mi gum faighinn a-mach carson a tha an aimsir ann an Astràilia agus Alba cho eadar-dhealaichte.
Crios-meadhain an t-Saoghail
Chaidh mi an toiseach dhan leabharlann agus sheall mi air mapaichean dhen t-saoghal. Chunnaic mi on sin gu bheil Astràilia faisg air Crios-meadhain an t-Saoghail far a bheil i an-còmhnaidh teth agus gu bheil Tropaig Chapricoirn a dol tro mheadhan na dùthcha.
Air an làimh eile, tha Alba tòrr nas fhaide air falbh on Chrios-mheadhain agus o na Tropaigean. Tha sin a fàgail Alba glè fhuar seach Astràilia agus tha gaoth agus uisge a tighinn leis an fhuachd.
An uairsin chaidh mi gu Ionad na Sìde. Dhionnsaich mi an sin gu bheil an Samhradh an Astràilia nuair a tha an Geamhradh againne ann an Alba. Agus tha an Samhradh againne nuair a tha an Geamhradh acasan.
Nuair a tha an Saoghal a dol gu aon taobh, tha a ghrian nas làidire ann an Alba. Tha an aimsir blàth an seo an uair sin agus tha an samhradh againn. Nuair a tha an Saoghal a dol gun an taobh eile, tha a ghrian an uair sin nas làidire an Astràilia. Tha an Samhradh acasan agus tha an Geamhradh againne.
Co-dhùnadh
Tha an aimsir, mar sin, gu math eadar-dhealaichte eadar Astràilia agus Alba. Tha an Samhradh an Astràilia an-dràsta agus tha sìde bhlàth, ghrianach aca. Tha i air a bhith fuar agus fliuch an seo on a tha an Geamhradh againn.
B fheàrr leam a bhith an Alba, a dhaindeoin sin. Nuair a bha mi air mo shaor làithean an Astràilia, ged a bha e sgoinneil, bha mi ag ionndrainn an uisge.
|  |
 | |
|