Reasabaidh - Bonnach dha Donaidh Stuthan 115g Flùr lom 1Sp-teatha fùdar bèicearachd Craiteachan Salainn 6 uighean 2 Sp-teatha sùgh faoineag Ìm SiùcarNa ceumannan 1. Glan do làmhan. 2. Tionndaidh an àmhainn air gu ceud s ochdad celsius. 3. Faigh tiona-cèic agus suath ìm ris a bhonn. 4. Còmhdaich am pàipear le flùr. 5. Cuir am flùr, an salann agus am fùdar bèicearachd ann an criathar agus crath iad a-steach do bhobhla. Dèan seo trì tursan. 6. Cuir na h-uighean agus an siùcar ann am bobhla a sheasas ri teas. 7. Cuir am bobhla na shuidhe ann am poit anns a bheil uisge a goil. 8. Buail na h-uighean agus an siùcar fad deich mionaidean. 9. Cuir an sùgh faoineag nam measg. 10. Dòirt leth dhen fhlùr don bhobhla anns a bheil na h-uighean agus measgaich iad gus a bheil iad nan taois. 11. Paisg a-steach a chuid eile dhen fhlùr agus measgaich gu math e. 12. Cuir an taois anns an tiona-chèic agus cuir iad dhan àmhainn gu faiceallach. Cuimhich gum bi an àmhainn teth. 13. Fàg an tiona ann fad còig mionaidean fichead agus an uairsin thoir às e air do shocair. 14. Thoir a cheic a-mach às an tiona agus fàg i air searbhadair soithichean gus am fuaraich i.