BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Iomarud

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
A' leantainn Cheumannan
A’ sgrìobhadh Litir Fhoirmeil
A’ cruthachadh Postair
A’ sgrìobhadh Aithisg
A’ sgrìobhadh Leabhar-là
Ceistean
Faidhle nam Facal
Sgrìobhadh Ruairidh
Dè thuirt Sìne?
Tidsearan is Pàrantan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!


Sgrìobhadh Ruairidh
A’ curachdLeabhar-aithris Ruairidh

Diluain 25 Cèitean

A’ curachd

Latha tioram ach fuar. Bha an t-adhar fhathast dorcha nuair a dh’fhàg sinn an Ionad Spòrs air a’ bhus ach bha an latha air tighinn mus do ràinig sinn an abhainn.

Lean sinn na treòraichean gu faiceallach sìos bruaichean na h-aibhne agus chùm sinn uile faisg air a chèile. Aig toiseach gnothaich, fhuair a h-uile duine tàire, a’ cumail nan curachan ann an loidhne dhìreach agus bha eagal mo bheatha orm cus gluasad a dhèanamh. Ach ro dheireadh an latha bha sinn a’ cluich ann an linne bheag fhasgach.

Bha sinn air an abhainn a’ chuid bu mhotha den latha agus chunnaic sinn iomadh eun anns na craobhan ri bruaichean na h-aibhne. Aig deireadh an latha, thill sinn air ais anns a’ bhus, caran fliuch, acrach ach abair fealla-dhà!
A’ sreapDimàirt 26 Cèitean

A’ sreap

Latha sgòthach glas. Dh’ èirich mi aig seachd uairean anns a’ mhadainn is thog sinn òirnn suas dhan bheinn air cùlaibh an ostail. Bha sreapadairean eile còmhla rium.

Mu dheireadh stad sinn aig creagan cas, glas agus nuair a choimhead mi suas bha buille chruaidh aig mo chridhe. B’fheudar dhuinn obrachadh còmhla ann am buidhnean is sinn ceangailte ri chèile. Theab mi tuiteam uair no dhà ach chùm mi grèim bàis air a’ chreig.

Ràinig sinn mullach na creige ro àm dìnnearach agus abair thusa sealladh brèagha shìos fodhainn. Bha an osdail againn a’ coimhead cho beag ri taigh ‘lego’. Chuir sinn seachad greiseag aig mullach na beinne a’ togail dhealbhanan. Latha sgoinneil eile.
A’ surfadhDiciadain 27 Cèitean

A’ surfadh

Latha soilleir grianach. Ghabh sinn ar bracaist a-muigh.
An uairsin, shiubhail sinn anns a’ bhus airson cairteal na h-uaireach
agus ràinig sinn loch far an robh sinn a’ dol a shurfadh air bòrd-gaoithe. Bha a h-uile duine ann an deagh shunnd is tuigse aca air na bha romhainn.

Thòisich sinn! Abair thusa spòrs - is sinn uile airson sealltainn cho sgileil is a bha sinn. Bha mise gu math fliuch aig deireadh an latha ach bha deagh fhealla-dhà air a bhith againn.
AibseileadhDiardaoin 28 Cèitean

Aibseileadh

Latha àlainn! Dh’ èirich sinn uile tràth a-rithist is a-mach a ghabh sinn dhan bheinn. Stad sinn airson grèim bidhe aig mullach creagan àrd agus thòisich na stiùirichean againn air an acfhuinn a chur ri chèile. Is mise a’ chiad duine a chaidh a thaghadh airson a dhol thairis air bàrr na creige.

Airson mionaid sheas mi aig a’ mhullach agus grèim bàis agam air an ròpa ach aon uair is gun do ghabh mi a’ chiad cheum no dhà bha e dìreach sgoinneil! Fhuair sinn uile cothrom a dhol sìos turas no dhà agus an uairsin dh’fheuch sinn air aibseileadh sìos creagan eile. Crìoch mhath air an t-seachdain.
Dihaoine 29 Cèitean

Latha fuar frasach. Thill mi dhachaigh an-diugh air an trèana mhaidne. Air an trèana smaoinich mi air na bha mi air a dhèanamh aig an Ionad Spòrs agus air na caraidean ùra a rinn mi. ’S e seachdain sgoinneil a bh’ann agus bu mhath leam tilleadh an ath-bhliadhna.
Clò bhuail an duilleag
Clàr-innseFaidhle na FacalSgrìobhadh Ruairidh
Tidsearan is PàrantanCeisteanDè thuirt Sìne?


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy