|  |  |  | Tha postairean feumail airson iomadach rud.
Na ciad fhacail - Tha na ciad fhacail ag innse gu h-aithghearr cuspair a' phostair. Tha iad a' cleachdadh teacsa de stoidhle agus de mheudachd eadar-dhealaichte. Tha seo tarraingeach. 
Fo-thiotalan - Tha na fo-thiotalan a' toirt seachad fiosrachadh cudthromach air cò, càite, cuin, cosgais agus carson a tha an tachartas a' gabhail àite. Tha fo-thiotalan a' cuideachadh an leughadair gus an teacsa a leughadh. 
Coltas-duilleige - Tha am fiosrachadh air a chur sios ann an dòigh a tha a' dèanamh ciall agus a tha a' buntainn ris a' chuspair. Tha cumadh a' phostair agus na dealbhan ga dhèanamh nas tarraingiche dhan luchd-amhairc. 
Co-dhùnadh - Bu chòir do na prìomh phuingean a bhith a' cleachdadh cànan brosnachail. 
|  |  |  |  |  |    |
|