Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 12 Cèitean 2009

  • 1
  • 2
  • 3
  • 4

Am facal dual

Tha ciall no dhà aig an fhacal dual. Faodaidh, mar eisimpleir, tu bruidhinn air dual dhe t'fhalt. Bhiodh daoine a bha a' fighe clò no clèibh a' bruidhinn air dual dhan an t-snàth no dhan chaol.

Ach tha e air a chleachdadh ann an dòigh nas cumanta. Cluinnidh tu tric, "Bu dual dha/dhith..." no "'S ann dha/dhith bu dual" a' ciallachadh, a rèir do ghnè, gum biodh tu buailteach a bhith coltach ri do dhaoine ann an dòighean eadar-dhealaichte.

Am facal soplachan

Nam biodh tu a' coiseachd air a' mhachaire agus tu a' faicinn eun, leithid curracag, dìreach air tòiseachadh air neadachadh agus gu faiceadh tu lag bheag as an talamh agus dìreach sop na dhà air a chuir ann. Sin agad soplachan.

Bho Dhòmhnall Ailig MacIlip, Beàrnaraigh, Na Hearadh

Am facal surrag

Nam biodh tu a' coiseachd air an tràigh ri oir a' chladaich 's tu a' grunnachadh agus tu a' faireachdainn lag bheag bho do chasan, dìreach rud beag nas doimhne na an grunnd mun cuairt, dh'fhaodadh tu cantainn, "Och, tha mi ann an surrag!"

Tha e coltach gur e seo rud a bhios na lachainn a' dèanamh nuair a bhios iad a' sgrìobadh airson bhiastagan. Tha iad a' fàgail dìreach lag bheag as an dèidh. Gheibheadh tu surrag air talamh-àitich no air asbhuain cuideachd.

Bho Dhòmhnall Ailig MacIlip, Beàrnaraigh, Na Hearadh

Rannan

Chuala mi a' chuthag 's gun bhiadh nam bhroinn
'S dh'aithnich mi nach rachadh a' bhliadhna leam.

'S e droch chomharra a bha seo.

"Gu-gù", ars a' chuthag
air Latha Buidhe Bealltainn.
"Gu-gù", ars ise a-rithist
air latha leth an t-samhraidh.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.