Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 10 Màrt 2009

  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5

A' dèanamh chlèibh

Cliabh

B' e Dòmhnall "Pinch" MacArtair à Siabost, Leòdhas cèiliche na seachdain agus 's ann a' bruidhinn air mar a bhiodh athair agus e-fhèin a' dèanamh chlèibh a bha e. Thoisich e le innse mun chaol a bhiodh e a' cleachdadh.

Iain: Nise, an caol Gallda a tha seo, eil mi ceart ann a bhith ag ràdh gu feumaist a bhogadh ro làimh?

Dòmhnall: Bha. Bhathas ga bhogadh airson sia uairean a thìde na rudeigin mar sin. Bhiodh sinn ga chuir am bogadh tìde dìathad 's nuair a thigeadh m' athair dhachaigh bha e tòiseachadh ga fhighe an uairsin, as dèidh na teatha.

Iain: Ach seall, ma sheallas sinn air ais ris a' chaoil a bhitear a' fàs ann a sheo fhèin, 's dòcha nach feumadh tu a chuir am bogadh ann.

Dòmhnall: Well, nam biodh e ùr chan eil mi smaoineachadh gu feumadh. Gheibh thu gu math supail e nuair a thèid thu ga ghearradh co dhiù...

Iain: Ceart ma tha, sin an caol. Agus tha an cliabh againn a sheo dèante agus a-nise an ceap, 's e... well nach dèan sibh fhèin dealbh dhomh man a bha an ceap.

Dòmhnall: Mar a bha an ceap uaireigin, man tha 'd ag innse dhòmhs', as an talamh, 's ann an ceap a bha 'd ga dhèanamh...

...'s bha 'd a' tòiseachadh leis an dlùth. Fichead asann, bha'd gan cuir dhan an talamh...

Iain: Bha, dìreach nan seasamh man...

Dòmhnall: ... nan seasamh.

Iain: Ach ghluais sin an uairsin?

Dòmhnall: 'S e ceap fiodh a th' ann an diugh...

Ceithir pìosan fiodh. Tha e cho square 's a ghabhas. Faodaidh tu còig tuill gach taobh no sia air an darna taobh 's ceithir air an taobh, as a' mheadhan.

Iain: Ma tha thu cunntadh a' fear còrnair

Dòmhnall: Sheadh, a' fear còrnair, ma tha thu dol ga chleachdadh. Ach tha e sin as an dlùth. Tha sia as an dlùth, a' dol troimhe gu lèir.

Iain: Tha. 'S a-nise, bhathas an uairsin a' cur na casan caoile a bha seo na seasamh as na tuill.

Dòmhnall: Bha thu gan tomhais an toiseach, gan gearradh aig, tha mi smaoineachadh, dà throigh gu leth. Bha thu a' taghadh... bha 'n fheadhainn sin air an taghadh. 'S iad an fheadhainn bu choltaiche ri chèile no bu làidir, 's bha thu taghadh feadhainn eile a bha dol na seasamh còmhla riutha. Sin an fheadhainn a bha gu bhith agad airson na breugan a dhèanamh 's bha a' chiad sia na ... chan eil fhios agams' an e eadar trì 's a ceithir a dh' òirlich nuair a thigeadh e chun a sin bha an dlùth dùbailte ann a sin.

Iain: Tha mi faicinn sin. 'S ann airson neart a bhiodh sin, a Dhòmhnaill?

Dòmhnall: Well, sin far am bu leathann a robh an cliabh co-dhiù 's bha an dlùth agad dùbailte ann a shin.

Iain: Bha. 'S bha an dlùth a-rèist dha duine sam bith a tha ag èisteachd, dùbailte sìos gu bonn nam breugan.

Dòmhnall: Bha.

Iain: 'S bha e an uairsin a' tionndadh mar gum biodh, aon dha na duail a' tionndadh.

Dòmhnall: Bha, bha thu a' tionndadh tè ma seach aca agus tha mi faicinn gur ann an taobh a-staigh a bha iad a' dol, a' tòiseachadh a-staigh...

Ach bha e single suas air a sin gu ruigeadh tu, far nach fhaigheadh tu air ... bha thu ga thoirt a-steach...

...'son a thoirt cruinn aig a' bhonn. Agus bha thu a' cumail a' dol. Bha thu ga thoirt a-steach gu ruigeadh tu àite as nach fhaigheadh tu air an tè, fhios agad, an tè a b'fhaisg air a' chòrnair dha na ceithir...

...nach fhaigheadh tu air a fighe...

An uairsin bha thu cuir na h-asnaichean air an dàrna taobh sìos dhan an fhighe air an taobh eile. 'S an aon rud air ais.

Iain: 'S bha sin a' toirt dhut an uairsin...

Dòmhnall: ...meud a' chliabh. Bha ochd òirlich dheug agad am broinn a' chliabh an uairsin. 'S a-nise tha treallaich overlap ann a shin.

Iain: Tha. Tha mi creids' gu bheil suas ri troigh...

Dòmhnall: Well tha naoi òirlich mhath ann bhon a' mheadhan sìos air an taobh eile, gach taobh. O tha, tha barrachd air troigh agad.

Iain: Tha sin cuideachd, nuair a smaoinicheas tu air, nuair a chi thu dèante e, tha sin a' toirt dhut na h-asnaichean dùbailte ann am bonn a' chlèibh.

Dòmhnall: Nuair a choimheadas tu tha bonn a' chlèibh 's tha e sìos gu leth bhon a' bhonn. Tha thu ga dhùblaigeadh an ìre mhath. Cha mhòr nach eil e dùbailte fad na h-ùine ach an greiseag bheag as dèidh nam breugan ann a shin.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.