Seo pàirt den chòmhradh a bha aig Flòraidh NicIlleathain ri Ailig MacAmhlaigh ann am Paiblesgearraidh, Uibhist a Tuath mu eòin na sgìre.
Ailig: 'S ann am mìos na Màighe is motha a tha eòin a' tighinn a seo agus feadhainn eile a' falbh aig an aon àm. Bidh na geòidh uile a' falbh an uairsin.
An fheadhainn a tha a' dol tarsainn oirnn a seo, 's ann a-nuas à Ile 's à taobh an iar Bhreatann a tha iad a' tighinn.
'S e cathain a' chuid as motha agus geòidh ghlasa, feadhainn bheaga, na geòidh bheaga ghlasa. 'S iad as motha a th' ann.
Ach tha geòidh a' breith a seo cuideachd. Tha feadhainn a' fuireach ann, an gèadh mòr glas. Tha 'd air fàs cianail pailt o chionn bhliadhnaichean a seo. Ach tha feadhainn dhiubh a' falbh is feadhainn dhiubh a' fuireach.
Flòraidh: 'S eil fhios dè cho fada 's a tha iad a' siubhal?
Ailig: Tha 'd a' siubhal, tha 'd a' dol suas ri dòcha dà mhìle mìle. Agus bidh iad sin, bidh iad a rèir 's mar a tha 'd air a dhèanamh a-mach, tha 'd air a bhith ga leantail a-nis le uidheaman agus tha iad air a dhearbhadh gum bi iad 's dòcha dà latha 's dà oidhche air an iteig, gun laighe.
Aig àird mhòr cuideachd mar is tric. Tha. 'S sìde sam bith. 'S iomadh uair a tha mi a' smaoineachadh ciamar a tha iad a' dèanamh na cùrsa, 's chan fhalbh iad far na cùrsa uair sam bith.
Flòraidh: 'S dè nis na h-eòin eile a tha sinn a' faicinn a' falbh man àm seo?
Ailig: Well tha 'd sin a' falbh. Tha na geòidh a' falbh à Breatainn. An fheadhainn a dh'ainmich mi, 's tha 'd sin a' falbh gu beagnaidh à Breatainn ach tha feadhainn eile, pàirt dhiubh a' falbh agus pàirt dhiubh a' fuireach.
Shìos ann an seo, mu mo choinneamh, tha mi creidsinn gu bheil aon cheud cràdh-ghèadh an-dràsta ann. Well, cha bhi a' breith shìos ann a sheo mu Loch Phaibil ach mu dhà chàraid. Bidh iad a' falbh a bhreith a dh'àiteachan eile.
Agus tha guilbnich ann cuideachd, na ficheadan de ghuilbnich. Nise tha 'd sin a' breith an Uibhist, ach as a' mhòintich a tha 'd a' breith.
Ach chan eil iad uileag a' breith an Uibhist. Tha 'd a' dol a dh'àite eile gu mòinteach Alba, 's dòcha a dh' Èirinn.
Flòraidh: Dè, a bheil amannan sònraichte dhen mhìos a bhios iad sin a' falbh no am bi iad a' falbh caran mun aon àm?
Ailig: 'S ann mun aon àm, ach chan fhaic thu a' falbh iad. Chan eil iad a' falbh nan dròbhannan mòra idir, mar a tha na geòidh. Tha na geòidh cho follaiseach. Chì thu a' falbh iad. 'S cluinnidh tu iad. Ach cha chluinn thu an fheadhainn eile idir. Aon latha tha iad a seo, 's latha eile tha iad air falbh.
Flòraidh: Bheil iad a' feitheamh sìde sònraichte na càil sam bith mar sin, eil beachd agaibh?
Ailig: Tha fhios agam nach eil na geòidh. Chunna mi iad ri sìde nan seachd sìon a' falbh. Agus chluinninn iad air an oidhche, iomadach uair cuideachd, a' dol seachad ged nach fhaicinn iad idir. Bha 'd cho àrd, ach chluinninn iad.
Flòraidh: Dh'aithnicheadh sibh...
Ailig: O aithnichidh mi an èigh aca. O aithnichidh. Ach an fheadhainn eile a dh'ainmich mi, cràdh-gheòidh agus na guilbnich, cha do chuir mi beachd orra. Cha eil iad a' falbh còmhla ann.
Tha feadhainn eile a' tighinn. Tha eun a' tighinn ris an can sinn a' May fowl. Sin agad an t-eun Bealltainn. Whimbrel 's e a' Bheurla a th' air. An t-eun Bealltainn, tha a' fear sin a' tighinn. 'S e seòrsa de ghuilbneach a th' ann.
Tha e nas lugha na guilbneach. Tha e a' tighinn a seo mu thoiseach a' Mhàigh 's bi e a' fuireach gu 's dòcha trì no ceithir a mhìosan. 'S tha e a' falbh a-rithist.
Flòraidh: Seadh.
Ailig: Ach, 's e toileachas mòr a th' ann dhòmhsa nuair a chluinneas mi e, an èigh aige.
Flòraidh: Aithnichidh sibh an èigh aige?
Ailig: Aithnichidh mi an èigh aige agus, ged nach fhaic mi idir e, aithnichidh mi an èigh aige. 'S dòcha gur ann air an oidhche a chluinneas mi an toiseach e. Tha 'd a' tighinn a-staigh dhan an eilean, air an iteig, a' dol tarsainn an eilein.
Flòraidh: Seadh. 'S dè seòrsa fuaim a th' aig an fhear sin?
Ailig: Tha... (Tha e ag atharrais air èigh an Eòin Bealltainn)... siud a' seòrsa...
Flòraidh: ...fuaim a th' aige.
Ailig: An èigh a th' aige.
Eun eile, an clacharan, a' tighinn a seo. Clacharain a' tighinn a seo, bidh e a' tighinn ann a' Màigh, as a' mhios Mhàigh cuideachd. Bidh.
Chan eil a sin ach eun beag glas is dubh 's a' breith a lùib nan clachan, ann am ballachan 's tobhtaichean 's a leithid sin.
Flòraidh: 'S dè cho fada 's a dh'fhuiricheas e?
Ailig: Fuirichidh e gun tog e an t-àl.
Agus tha a' chuthag a' tighinn gu dearbha, mar a dh'ainmich mi dhut. A' chuthag, tha i sin a' tighinn 's ma thogas i an t-àl. Well 's e eun eile a thogas dhith e. Bidh i a' falbh as t-Fhoghar a-rithist. 'S cha chluinn thu an guth aice gu toiseach a' Mhàigh an ath-bhliadhna.
Flòraidh: Seadh.
Ailig: Agus bòthagan a' tighinn air ais a seo. Sin agad feadhainn a bhios a' grunnachadh shìos air ann tràigh ann a sin. Bidh cus aca a' tilleadh a seo. Agus, ach tha feadhainn aca a' fuireach ann fad na bliadhna.
Flòraidh: Bòthagan?
Ailig: Bòthagan.
Flòraidh: Dè seòrsa eun a tha sin?
Ailig: Eun beag breac a bhios a' grunnachadh air an tràigh. Ringed plover, sin a' Bheurla a th' air.
Agus tha tè bheag eile ann ris an can iad a' bhànag. Sin agad sanderling. Ach 's ann as t-fhoghar a tha i sin a' tighinn a seo. A' bhànag.
'S tha na gille-feadagan cuideachd. Bidh iad sin a' tighinn ach tha feadhainn aca a' breith a seo. Ach tha 'd a' fàs gann.
Bha gobhachan-dearg, chan eil e ri fhaicinn an Uibhist a-nis idir. Tha an t-eun sin cho ainneamh ri eun a tha am Breatainn. Mar tha an traon, tha 'd gu math, gu math ainneamh.
Flòraidh: 'S dè is coireach ri sin, eil fhios againn?
Ailig: Ah, chan eil fhios agam. 'S e an traon gu h-àraidh, 's e seòrsa... 's e a' chaora a chuir às dhith. Well 's e a' chaora a chuir às dhan seòrsa talamh a bha i a' cleachdadh airson breith is a' togail an àil. 'S toigh leis an traon feur fada agus, aon uair, 's e an crodh a bh' aig a' chuid a bu mhotha. 'S cha robh uiread a chaoraich ann. Ach an diugh...
Flòraidh: Tha an t-àite fodha le caoraich 's tha 'd ag ithe an fheòir.
Ailig: 'S tha am feur cho lom a-niste agus chan eil àite aig na h-eòin sin airson... 's e beathaichean falachaidh a th' annta. Agus is toigh leotha a bhith a' falach an còmhnaidh. 'S chan eil e furasta a bhith a' falach nuair a tha caoraich ag ithe an fheòir.
Flòraidh: Tha sibh cho eòlach. Tha leithid a dh'ùidh agaibh as na h-eòin gu bheil sibh cuideachd fiù 's eòlach air an fhuaim aca air fad. An toir thu dhuinn dìreach tuairmse bheag air cho diofarach 's a tha na fuaimean aca.
Ailig: Well, 's e an èigh a th' aig an Eun Bhealltainn 's e fuaim binn a tha e a' dèanamh mar seo (ag atharrais). Tha trì fuaimean ann mar sin (ag atharrais).
Flòraidh: 'S an fheadhainn eile a-nis, guilbneach?
Ailig: Well, tha an guilbneach coltach ris ach... tha e coltach ris ach tha e nas motha na e. 'S tha 'n gob aig a' ghuilbneach nas fhaide. Ach tha an èigh aig a' ghuilbneach tur eadar-dhealaichte. Cluinnidh tu an guilbneach (ag atharrais).
Flòraidh: Tha sin diofarach, gun teagamh.
Ailig: (Ailig ag atharrais air a' ghuilbneach).
Cluinnidh mi iad. Cha leig mi a leas a faicinn. 'S bidh e a' toir toil-inntinn mhòr dhomh, gu h-àraidh toiseach an t-samhraidh.
'S bhiodh na seann daoine a ràdh nuair a chluinneadh iad na h-eòin a bha sin - feumaidh gu robh feadhainn aca gu math eòlach orra iad fhèin – bha e a' toir togail mòr dhaibh toiseach an t-samhraidh, na h-eòin a' tòiseachadh ri breith 's na h-uain a' dol mun cuairt nan cnuic. B'fheàrr leotha sin na meadhan an t-samhraidh fhèin.
Oir mar is trice cus dhe na h-eòin a tha sin, nuair a laigheas iad air na h-uighean, meadhan an t-samhraidh 's àl aca, tha 'd sàmhach an uairsin. Chan eil iad a' dèanamh uiread a dh'fhuaim 's a tha iad a' dèanamh nuair a tha 'd a' tighinn a seo idir.
Flòraidh: Bheil sin ceart? Cha robh fhios agam riamh air a sin, ma tha.
Ailig: Chan eil. Nuair a bhios iad a' càraideachadh agus an fheadhainn fhireann a' sabaid nan lùib fhèin, 's ann is motha a tha 'd a' dèanamh a dh'fhuaim. Chan eil fuaim aca idir air na neadan. Tha 'd a' fuireach sàmhach.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.