Main content
Sorry, this episode is not currently available

28/08/2006

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 68

Tha leabhar math agam an-dràsta. Chan ann leamsa a tha e, gu mì-fhortanach. Tha e le caraid dhomh. Tha e agam air iasad. Bidh mo charaid ga iarraidh air ais. Tha an leabhar gu math sean. Tha e gu math luachmhor, tha mi a’ smaoineachadh.

’S e an tiotal a th’ air Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig. No ann am Beurla: A Double Grammar of English and Gaelic. ’S e Iain Foirbeis, John Forbes, a sgrìobh e. Bha Foirbeis na mhaighstir-sgoile ann an Cille Chuimein. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843) ann an Dùn Èideann. Chosg e ceithir tastain.

An toigh leibh leabhraichean gràmair? ’S dòcha nach toigh l’. Ach ’s toigh leams’ iad. Tha gràmar inntinneach dhomh. Ann an gràmar chì thu beagan de dh’eachdraidh a’ chànain.

Do dhaoine nach eil measail air gràmar, bidh mi ag ràdh seo riutha. Is toigh leam coilltean. Is toigh leam a bhith a’ coiseachd ann an coilltean. Chì mi bòidhchead na coille. Ach ’s toigh leam cuideachd na lusan anns a’ choille. Chì mi bòidhchead anns gach lus. Chì mi bòidhchead anns an dòigh anns a bheil na lusan suidhichte còmhla.

Agus na beathaichean. Bidh nead sheangan an-còmhnaidh fo chraobh ghiuthais ann an àite tioram. Cha bhi e anns a’ mhonadh fhosgailte no ann am boglach. Tha sin mar riaghailt gràmair, nach eil? Agus chan eil an t-eòlas sin a’ toirt bòidhchead air falbh bhon choille, a bheil?

Tha cànan mar sin cuideachd. Chì sinn bòidhchead ann an cànan. Chì sinn bòidhchead ann am bàrdachd is rosg. Tha bòidhchead anns an fhuaimneachadh is ann an ruitheam nam faclan. Ach chì sinn cuideachd bòidhchead anns an dòigh anns a bheil na faclan a’ dol còmhla.

Is toigh leam an liosta de chlisgearan aig Foirbeis. ’S e clisgear a’ Ghàidhlig air interjection. Clisgear. Seo eisimpleirean: slàn leat! airson adieu! Slàn leat. Mo thruaighe! airson alack! Mo thruaighe. Ist! no tosd! airson hush! Ist! no tosd! Ochòin! airson alas! Ochòin! Och nan ochan airson woe of woes! Och nan ochan! Agus mo chreach! airson my ruin, alas! Mo chreach!

A-nise, tha mi duilich, ach feumaidh mi falbh. Ochòin! Slàn leibh!

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: chan ann leamsa a tha e: it’s not mine; gu mì-fhortanach: unfortunately; tha e le caraid dhomh: it belongs to a friend of mine; air iasad: on loan; luachmhor: valuable; Cille Chuimein: Fort Augustus; chaidh an leabhar fhoillseachadh: the book was published; ceithir tastain: four shillings; ’s dòcha nach toigh l’: perhaps you don’t [like]; chì thu beagan de dh’eachdraidh a’ chànain: a little bit of the language’s history; nach eil measail air: who don’t particularly like; bidh mi ag ràdh seo riutha: I say this to them; chì mi bòidhchead na coille: I [can] see the forest’s beauty [chì is actually the future tense of the verb faic, to see, meaning “will see” but it also stands for “can see”]; na lusan: the plants; an dòigh anns a bheil na lusan suidhichte còmhla: the manner in which the plants are arranged together; bidh nead sheangan an-còmhnaidh fo chraobh ghiuthais: an ant’s nest is always [to be found] under a Scots pine tree; ann an àite tioram: in a dry place; anns a’ mhonadh fhosgailte: on the open hill; boglach: bog; riaghailt gràmair: grammatical rule; chan eil an t-eòlas sin a’ toirt bòidhchead air falbh: that knowledge doesn’t take beauty away; ann am bàrdachd is rosg: in poetry and prose; anns an fhuaimneachadh is ann an ruitheam nam faclan: in the sounding and the rhythm of the words; tha mi duilich, ach feumaidh mi falbh: I’m sorry, but I must go; slàn leibh!: cheerio!.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast