Main content
Sorry, this episode is not currently available

04/09/2006

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 69

Tha mi fhathast a’ coimhead air an t-seann leabhar Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig le Iain Foirbeis, Maighstir-sgoile Chille Chuimein. Tha e ag innse dhuinn riaghailt inntinneach mu ghràmar ann an Gàidhlig. Tha e co-cheangailte ris an fhacal eadar. Canaidh sinn rudan mar eadar am beul ’s an gogan – between the mouth and the dish. Eadar am beul ’s an gogan. Canaidh sinn eadar fear is bean – between man and wife. Eadar fear is bean.

Ach nuair a tha eadar a’ ciallachadh both, tha e ag adhbharachadh sèimheachadh – no lenition. Seo dà eisimpleir bhon leabhar: eadar ghillean agus chaileagan (both lads and lasses). Chan e eadar gillean is caileagan. Eadar ghillean agus chaileagan. Agus eadar bheag is mhòr – both great and small. Eadar bheag is mhòr.

Tha an riaghailt seo ann am faclair Dwelly cuideachd. Seo na th’ aig Dwelly: when signifying both, [eadar] does not admit the article between itself and the noun; but aspirates [or lenites] both its nouns. Agus tha Dwelly a’ toirt dhuinn trì eisimpleirean: eadar bheag agus mhòr (both great and small), eadar cheann is chasan (both head and feet) agus eadar mhath is olc (both good and bad).

Dè tha na faclairean ùra ag ràdh? A bheil iadsan ag aontachadh mun riaghailt seo? Uill, tha am faclair Teach Yourself le Boyd Robasdan is Iain MacDhòmhnaill a’ toirt na h-eisimpleir eadar bheag is mhòr airson both large and small. Agus anns an fhaclair The Essential Gaelic-English Dictionary le Aonghas MacBhàtair, tha seo: thàinig iad, eadar bheag is mhòr – they came, both small and great; agus tha e eadar beag agus mòr – he is between small and big/neither small nor big. Mar sin, tha an riaghailt sin fhathast ann am bith.

Agus seo eisimpleir eile de shèimheachadh. Chan ann le eadar, ach le air. Tha Foirbeis ag innse seo dhuinn: air sometimes aspirates its noun – mar eisimpleir air thalamh (on earth). Dè air thalamh a tha a’ dol? (what on earth is happening?) Agus canaidh daoine air mhàl airson for rent, seach air màl. Fhuair mi an taigh air mhàl airson seachdain – I rented the house for a week. Agus a’ bruidhinn air “seachdain” – bidh mi air ais le Litir Bheag eile an ceann seachdain.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: tha mi fhathast a’ coimhead air: I’m still looking at; Iain Foirbeis: John Forbes; Cille Chuimein: Fort Augustus; tha e ag innse dhuinn riaghailt inntinneach: he tells us an interesting rule; co-cheangailte ris an fhacal: connected to the word; tha e ag adhbharachadh sèimheachadh: it causes lenition; seo dà eisimpleir: here are two examples; a’ toirt dhuinn trì eisimpleirean: gives us three examples; dè tha na faclairean ùra ag ràdh?: what do the modern dictionaries say?; a bheil iadsan ag aontachadh?: do they [emphatic] agree?; tha an riaghailt sin fhathast ann am bith: that rule still exists; chan ann le eadar: not with eadar; seach: rather than; a’ bruidhinn air “seachdain”: speaking of “week”; bidh mi air ais le Litir Bheag eile an ceann seachdain: I’ll be back with another Litir Bheag in a week’s time.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast