
Alba Nuadh
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann an Alba Nuadh a tha e.
Tha còmhradh aige a rinn Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain le Eachann Mac a' Mhaoilein mu bhith a' dèanamh uisge-beatha.
Bhruidhinn Fred ri Steaphan MacFhionghain agus a shin-seanair air falbh à Barraigh agus air a dhol a dh'Eilean Cheap Breatainn ann an 1831.
Dh'innis Calum A MacLeòid agus a bhean Anna Mae, a bhuineadh dha na Hearadh 's do Leòdhas, mun obair a bh' aca air muir is air tìr.
'S mar a shaoileadh sibh, tha ceòl gu leòr aige às a' sgìre cuideachd.
Last on
Broadcasts
- Mon 24 Nov 202515:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Nov 202520:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Nov 202510:00BBC Radio nan Gàidheal