Main content
Sorry, this episode is not currently available

Muile is Ìle

Episode 7 of 7

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Muile is Ìle a tha e a' stiùireadh.

Tha còmhradh aige a rinn Iain Mac'IlleMhìcheil le Geileabart Mac a' Chlèirich à Port Sgioba 's e ag innse mu eachdraidh nan Dòmhnallach ann an Ìle agus an ceangal aig an eilean ri Èireann.

Chlàr Fred Dòmhnall MacGilleMhoire à Bun Easain aig aois 92 le sgeulachd mu robairean 's mu dhròbhairean.

Agsu tha còmhradh aige cuideachd leis an Dr Raibeart Caimbeul à Tòrrloisgt ann am Muile ach a bha a' fuireach am Blythe.

Gheibh sinn cuideachd òrain bho Eilidh Nic a' Mhaoilein, Fionnlagh MacEachain agus Gileabart MacPhàil.

30 minutes

Last on

Sun 23 Nov 202510:00

Broadcasts

  • Mon 17 Nov 202515:30
  • Wed 19 Nov 202520:00
  • Sun 23 Nov 202510:00