Main content
Sorry, this episode is not currently available

Leòdhas

Episode 6 of 7

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Leòdhas a tha am prosbaig.

Tha òran luaidh aige a chaidh a chlàradh ann an 1937, còmhradh le Iain A MacLeòid à Siabost a bha na mha'-sgoile agus a fhuair crùn na bàrdachd aig a' Mhod ann an 1946, agus 'Cuairt an Tìr Chèin' air aithris leis a' bhàrd, Bàrd Bhràdhagair, Pàdraig Caimbeul. Tha Murchadh MacIllEathain a' seinn òran eile le Pàdraig, Sheòl mi 'n-uiridh.

Tha Ciorstaidh Lynn ag innse mu thachartas air leth annasach ann am baile Tholastaidh a' Chaolais ann an 1937.

Agus tha Dòmhnall MacPhàil à Siabost le a chuimhne fhèin, is e na bhalach, air call na h-Iolaire, là na Bliadhn' Ùire, 1919.

30 minutes

Last on

Sun 16 Nov 202510:00

Broadcasts

  • Mon 10 Nov 202515:30
  • Wed 12 Nov 202520:00
  • Sun 16 Nov 202510:00